Bile Foghlaim "ag aithneachadh" dìth thidsearan

Clann-sgoile
Image caption Tha COSLA am measg na tha air ceist a thogail an gabh leasachadh a bharrachd a thoirt air foghlam Ghàidhlig is trioblaid ann le gainnead thidsearan.

Thuirt Ministear an Ionnsachaidh agus Chànanan na h-Alba gum bi fàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a rèir na th' ann de thidsearan.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn às dèidh do Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA), am freagairt a thoirt seachad air Bile Foghlaim an Riaghaltas.

Fo na molaidhean a nochd sa bhile, bhiodh dleastanas ùr a a' dol air ùghdarrasan ionadail air feadh Alba a thaobh mar a dhèiligeas iad ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Stèidhicheadh am bile pròiseas tro am feum comhairlean a dhol ma gheibh iad iarrtas airson aonadan Gàidhlig a chur air chois.

Bhiodh e an urra ri comhairlean fhèin air a' cheann thall a bheil iad a' dol a choileanadh an iarrtais sin, ged a tha am bile ag ràdh gum feum comhairlean a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.

Dragh

Tha dragh air COSLA ge-tà gum biodh leasachadh sam bith glè dhuilich a choileanadh leis a' ghainnead thidsearan a th' ann.

Thuirt iad gu bheil iad air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dheasbad leis na buill aca is gu bheil ceist nan tidsearan air nochdadh tric is minig le dìth luchd-teagaisg a' cur maill air gnothaichean.

Tha iomagain air comhairlean, thuirt a' bhuidheann riochdachaidh, gum bi e do-dhèante dhaibh dèiligeadh ri iarrtas a bharrachd air foghlam Gàidhlig a dh'fhaodadh tighinn às a' bhile.

"Tha fios againn gu bheil Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson àrdachadh a thoirt air na th' ann de thidsearan ach tha gainnead ann an-dràsta fiù 's mus tig leasachadh a bharrachd air foghlam Gàidhlig às a' bhile seo", thuirt COSLA.

"S e an dragh a th' ann mar sin nach bi trèanadh is fastadh thidsearan a rèir an iarrtais a th' aig pàrantan air foghlam Gàidhlig", thuirt iad.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Alasdair Allan gun robh e fhèin "dòchasach" mu fhoghlam Ghàidhlig ach gu bheil e cuideachd mothachail air an dùbhlan a th' ann a thaobh àireamh nan tidsearan.

Feart

Bheir am bile feart air a sin, thuirt e.

"Tha am bile ag aithneachadh mura bi tidsearan ann, chan eil an Riaghaltas no duine sam bile eile ag ràdh feumaidh aonad Gàidhlig a bhith ann.

"An rud a tha am bile ag ràdh, 's e sin 'son a' chiad turais - agus tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo bho chionn fichead bliadhna - tha e a' toirt chòirichean do phàrantan is coimhearsnachdan, agus siostam do phàrantan is coimhearsnachdan, airson aonad Gàidhlig a stèidheachadh.

"Bidh siostam ann far a bheil feum ann airson ùghdarrasan ionadail a bhith a' dèanamh cinnteach dè seòrsa iarrtais a th' ann agus bidh sin gu poblach agus às dèidh sin, tha mise a' smaoineachadh gum bi argamaid nas làidire aig coimhearsnachdan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt e.

Gabhaidh Comataidh an Fhoghlaim fianais a bharrachd air a' bhile an ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile