Teine ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Muilleann-sàbhaidh Chaisteil LeòdhaisTùs an deilbh, Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh sgrios a dhèanamh aig muilleann-sàbhaidh Urras Steòrnabhaigh.

Thèid rannsachadh a dhèanamh feuch dè dh'adhbhraich teine aig muilleann-sàbhaidh ann an Steòrnabhagh madainn Dimàirt.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm dhan teine aig muilleann-sàbhaidh Urras Steòrnabhaigh mu 05:00m.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun robh mullach an togalaich na smàl nuair a ràinig iad.

Bha còrr is fichead oifigear ann is trì einnseanan.

Fhuair iad smachd air an teine mu 08:30m ach chaidh milleadh a dhèanamh air an togalach agus air uidheamachd a bha na bhroinn.

Feumar mullach an togalaich a dhèanamh sàbhailte an toiseach is tòisichidh sgrùdadh an uair sin air na dh'adhbhraich an teine.