Corp ga fhaighinn sa Ghearasdan

Tha na Poilis anns a' Ghearasdan a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh corp fireannaich fhaighinn sa bhaile.

Chaidh an corp a lorg ann an sgìre na h-Àirde den bhaile, air fearann gharbh ri taobh an stèisein smàlaidh mu 5:57f Diluain.

Thuirt na Poilis nach eil iad amharasach mu bhàs an duine.

Ach dh'iarr iad fiosrachadh mu dheidhinn, a tha sna 50an, agus a bh' air a bhith gun dachaigh stèidhichte san sgìre o chionn ghoirid.