Rathad an t-Sròim fhathast gun fhuasgladh
- Air fhoillseachadh

Chan eil Comhairle na Gàidhealtachd air airgead a lorg fhathast airson fuasgladh maireannach fhaighinn air suidheachadh seach-rathaid an t-Sròim air Taobh Siar Rois.
Sin a dh'innseas a' Chomhairle do choinneimh anns an Achadh Mhòr oidhche Ardaoin.
Tha iad ag ràdh gun gabh airgead a lorg, ach gum feum daoine gabhail ris nach gabh na tha iad ag iarraidh, a dhèanamh.
Mar eisimpleir, dh'fhaodadh gur e rathad singilte a dh'fheumte a thogail tro Ghleann Udalan.
Ceumannan
"Tha beagan mhìosan mus bi fiosrachadh a' tighinn a-mach bhon Chomhairle mu dheidhinn an t-suidheachaidh," thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Audrey Nic na Ceàrdaich.
"Tha e cudromach a bhith a' cumail muinntir na sgìre ceart a thaobh na tha a' dol air adhart.
"Bha bùth-obrach ann 's dòcha mìos no dhà air ais, agus bidh sinn a' tighinn air ais an-diugh is a-màireach anns an Achadh Mhòr agus Loch Carrann, agus a' cantail far a bheil sinn leis na roghainnean a th' ann.
"Tha trì diofar dhòighean airson am pròiseact a thoirt air adhart, ach cha do rinn iad co-dhùnadh air dè am fear as fheàrr, air sgàth 's gu bheil gach fear cho cosgail.
"'S dòcha gun tèid na pròiseactan a chur air adhart ann an dà no thrì ceumannan, seach aon cheum.
"Tha tòrr airgid an sàs anns a' phròiseact seo, ach air a' cheann thall feumaidh sinn smaoineachadh air an rathad mar a bhios e an uair sin.
"Tha sinn aig an ìre seo air sgàth 's nach eil an rathad cho sàbhailte 's a bu chòir dha a bhith.
"'S dòcha gum feum sinn tighinn gu co-rèite, cò aig a tha fios?
"Bhiodh e math nam biodh an t-airgead uile a' tighinn a-steach agus gun gabhadh a h-uile rud a dhèanamh aig an aon àm, ach 's dòcha gum bi sinn ag ràdh aig deireadh an là gum bi e na b' fheàrr pìos beag a dhèanamh sa chiad dol-a-mach gus am bi sinn air falbh bhon àite chunnartach.
"Bidh e inntinneach a bhith a' faighinn a-mach dè tha muinntir na sgìre a' smaointinn mu dheidhinn," thuirt i.