Gearain air seirbheis-aiseig Bharraigh

Bàt-aiseig Bharraigh
Image caption Tha Cal Mac ag ràdh gum feum iad prìomhachas a thoirt do shàbhailteachd.

Bha seirbheis aiseig na b' fheàrr aig Barraigh bho chionn fichead bliadhna na th' aice an-dràsta, a rèir fhir-ghnothachais a bh' aig coinneimh phoblaich a chùm Cal Mac anns an eilean oidhche Chiadain.

Thuirt Dòmhnall Eòsaph MacIllEathain gun do dh'iarr iad plana nan seirbheisean-aiseig bho Chal Mac, ach gun deach innse dhaibh gu bheil sin an urra ri Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt e gu bheil iad ag iarraidh seirbheis fada nas cunbhalaiche aig amanan freagarrach den là.

"An dragh as motha a th' oirnne an seo ann am Barraigh 's e a bheil iad a' dol a thoirt dhuinn plana nan seirbheisean-aiseig - rud a gheall an Riaghaltas dhuinn, 's a bu chòir dhuinn a bhith air fhaighinn," thuirt Mgr MacIllEathain.

Meadhan-oidhche

"Agus chan eil sinn ga fhaighinn. Tha sin a' cur dragh mòr oirnn.

"Cha d' fhuair sinn freagairt bhuapa air sin aig a' choinneimh.

"Tha iadsan ag a ràdh nach eil iad ach a' dèanamh an rud a thuirt an Riaghaltas riutha.

"Ach chan eil sin ceart. An rud a tha sa phlana, chan eil iad ga lìbhrigeadh, 's tha an t-seirbheis againn a' fàs nas miosa an àite a bhith a' fàs nas fheàrr.

"Ge b' e dè a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn, tha e a' dol a bhith againn airson an ath ochd bliadhna. Feumaidh sinn an t-seirbheis cheart fhaighinn an-dràsta, agus bidh fhios againn dè tha sinn a' dol a dh'fhaighinn anns an eilean a tha seo.

"Chan e idir innse dhuinn nuair a chuireas iad a-steach an tairgse. Feumaidh fios a bhith againne dè tha a' tachairt agus dè na seirbheisean a tha iad a' dol a thoirt dhuinn.

"Chan eil eilean anns na h-Eileanan an Iar no anns an lìonra aca a' faighinn seirbheisean a' dol a-steach a dh'àite sam bith aig meadhan-oidhche, 's às dèidh mheadhan-oidhche.

Sàbhailteachd

"Cà'il thu a' dol a dhol an uair sin? Chan eil àite sam bith fosgailte an uair sin. Chan eil na h-oifisean aca fhèin fosgailte an uair sin airson daoine a ghabhail.

"Seirbheis a h-uile là a' falbh a-mach à Barraigh dhan Òban, a' falbh a' chiad char sa mhadainn agus a' tilleadh air ais tràth air an fheasgar - sin na tha sinne a' coimhead air a shon ann am Barraigh.

"Bha sinne na b' fheàrr dheth o chionn fichead bliadhna na tha sinn leis an t-seirbheis a tha sinn a' faighinn an-dràsta aca, " thuirt e.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad ag aithneachadh cho deuchainneach 's a tha e aiseagan a bhith troimhe-chèile le droch shìde, ach gum feum iad prìomhachas a thoirt do shàbhailteachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil e dearbhte gu bheil pàtrain aimsire ag atharrachadh, 's gu bheil sgiobairean a' toirt fa-near gu bheil an t-sìde a' fàs nas miosa, gu bheil barrachd droch shìde ann, gu bheil e a' maireachdainn nas fhaide agus gu bheil sin uile a' toirt buaidh air an coimeas seirbheisean a ruith gu sàbhailte.