Trafaig trulainn an Inbhir Nis

Solais-thrafaig
Image caption Thuirt an Comh. MacIlleChiar nach robh a' Chomhairle air ullachadh gu leòr a dhèanamh air thoiseach air an obair a tha a' dol air adhart.

Tha draghan gan togail mun mhaill a tha a' dol air dràibhearan an Inbhir Nis, agus obair ga dèanamh gus meadhan a' bhaile a dhìon bho thuiltean, am measg adhbharan eile.

Tha Sràid na Bruaiche air a bhith dùinte aig àmannan o chionn deagh ghreis fhad 's a tha an obair sin a' dol air adhart.

Tha cuideachd bacaidhean an sàs air Sràid na h-Acadamaidh, an dèidh droch theine ann an togalach air an t-sràid sin air a' mhìos a chaidh, agus sgafalachd a-niste a' cumail bhallachan an togalaich an-àirde.

Tha nusraichean agus luchd-cùraim eile a' gearain gu bheil trioblaid aca faighinn gu euslaintich is iad tric glacte ann an trafaig.

Thuirt an Comhairliche airson Meadhan Inbhir Nis, Donaidh MacIlleChiar, nach eil a' Chomhairle a' dèanamh gu leòr ullachaidh:

"An-dràsta, is coltach gu bheil Inbhir Nis - chan e buileach na stad - ach chan fhada bhuaithe aig amannan," thuirt e.

"Is coltach gu bheil, madainn agus san fhionnaraidh gu h-àraid, duilgheadasan trafaig gu math tric.

"Bha co-òrdanaiche nan nursaichean sgìreil a' bruidhinn rium an là roimhe.

"Bha na solais thrafaig air Rathad Chùil Daothail, aig crois-rathaid Rathad Druimeannaich stucte dearg.

"Aig a' cheart àm, air Sràid Choinnich Bheag, bha na solais an sin a' leigeil le 's dòcha aon charbad a dhol troimhe aig aon àm.

"Cha do chuidich seo le suidheachadh na trafaige, 's e dona mar thà ri linn na maille leantainnich air a bhith a' fosgladh Sràid na Bruaiche a-rithist, agus feumaidh mi a ràdh gun robh beagan ro-dhealbhachaidh air cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ri seo."

Dh'fhaodadh gum fàs cùisean nas fheàrr ge-tà, agus dòchas ann gun tèid an sgeama dìon thuiltean a chrìochnachadh ro dheireadh na seachdaineach.