Ceist an dà Aonaidh

Dhearbh Àireamh a Deich dè a' cheist a bu toil leotha a chur air muinntir na Rìoghachd Aonaichte ro dheireadh na bliadhna 2017.

Sin, "Am bu chòir don Rìoghachd Aonaichte fuireach mar bhall dhen Aonadh Eòrpach?"

An cuala sibh càil coltach ri sin roimhe?

Às dèidh dha a' chùis a dhèanamh ann an reifreann na h-Alba an-uiridh, bidh Dàibhidh Camshron an dòchas gun tèid aige air an aon rud a dhèanamh a-rithist air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach.

Bha dà bhile air an dà Aonadh - Breatainn leis a' chòrr dhen AE agus Alba leis a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte - aig cridhe na h-òraida thug a' Bhanrigh seachad an-dè.

Tha na ceanglan eatorra nas treasa agus nas doimhne na faclan na ceist a-mhàin.

Càineadh

Lean an riaghaltas air an Òraid le foillseachadh Bile na h-Alba an-diugh.

Tha iad airson 's gun tèid e troimhe tràth an ath-bhliadhna, air thoiseach air an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

Bho a h-àite anns an t-Seòmar aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir, ghabh Nicola Sturgeon an cothrom càineadh a dhèanamh air a' bhile, beagan mhionaidean às dèidh mar a chaidh a chur fa comhair na Pàrlamaid aig Westminster.

Na beachd-se, dh'fhàilig air a' bhile molaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn a choilionadh agus i a' cumail a-mach gum biodh cothrom diùltaidh aig Rùnaire na h-Alba fhathast ann an cuid de roinnean.

Chaidh an Rùnaire Stàite fhèin, Dàibhidh Mundell, às àidhcheadh sin, ag ràdh gun robh na cumhachdan a chaidh a ghealladh a' tighinn gu tuath.

Ach as bidh dè thachras anns an deasbad a leanas, is coltach gum bi cumachdan ùra aig Holyrood air cìsean agus sochairean an ceann ùine nach bi fada.

Cuairt

Mus tèid ceist an Aonaidh Eòrpaich a chur, tha Mgr Camshron airson taic fhaighinn bho cheannardan Eòrpach airson ath-leasachadh a dhèanamh air an Aonadh.

Thòisich an oidhirp sin an-diugh agus e gus bruidhinn ri ceannardan na h-Òlaind, na Frainge, na Gearmailt agus na Pòlainn air a' chuairt aige.

Mar as fhaide a leanas riaghaltas 's ann as duilghe a dh'fhàsas cùisean - mar sin, tha dùil ris an reifreann nas tràithe an deireadh 2017, cho tràth, 's dòcha, ri là an taghaidh Albannaich an ath-bhliadhna.

Ron uair sin, tha Nicola Sturgeon airson na cumhachdan as ùire a thoirt do Holyrood agus taic fhaighinn bho dhaoine nach eil riaraichte leis na tha anns a' bhile airson a dhol fada na b'fhaide.

An uair sin, ma bhòtas Sasainn gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail, bidh reifreann eile air neo-eisimeileachd do dh'Alba air ais air a' chlàr-ghnothaich.

Ma thèid leis, bidh Dàibhidh Camshron air dà reifreann a bhuannachadh taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean - ach mura tèid, tha cunnart ann dha gun tèid an dà Aonadh a chall.