Bun-sgoil Ghàidhlig an Inbhir Pheofharain?
- Air fhoillseachadh

Tha tè de chomhairlichean Inbhir Pheofharain ag ràdh gum bu choir do Chomhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns a' bhaile.
Tha Mairead NicPheadrais den bheachd nach fhada gus am bi sgoil Ghàidhlig a dhith 's fàs mòr a' tighinn air Inbhir Pheofharain.
Bidh an t-aonad Gàidhlig ann an Inbhir Pheofharain cuideachd a' toirt a-steach sgoilearan bho sgìrean mun cuairt a' bhaile, 's tha an Comh. NicPheadrais ag ràdh gum bi cuid dhiubh sin a' siubhail astar fada chun na sgoile.
Tha cha-mhòr 70 duine-cloinne ann am foghlam Gàidhlig ann an Inbhir Pheofharain an-dràsta.
Leudachadh
Thuirt Coinneach Moireach bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum bi aca ri sùil a thoirt air mar a lìbhrigeas iad foghlam Gàidhlig anns a' bhaile anns na bliadhnaichean ri thighinn, ma chumas na h-àireamhan orra ag èirigh.
Tha àrdachadh mòr air tighinn air an àireimh chloinne ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis bho dh'fhosgail i ann an 2007.
Ged a ghabhas seòmraichean-clas ùra cur ris an sgoil, tha Mgr Moireach ag ràdh nach eil e cho furasta leudachadh a thoirt air goireasan bunaiteach na sgoile, leithid an àite-bìdhe agus an gymnasium.
'S e gainnead thidsearan ge-tà, fear de na rudan a dh'fhaodadh bacadh a chur air sgoiltean ùra.
Chan e a-mhàin sin, ach tha Mgr Moireach ag ràdh gu bheil cho beag chloinne 's a th' ann an cuid de sgìrean iomallach a' dèanamh chùisean nas duilghe dhaibh.
"Tha dùbhlan ann a thaobh thidsearan cuideachd, gu h-àraidh aig an iomall ... tha e an còmhnaidh duilich, chan e dìreach a-mhàin cion thidsearan, 's chan ann a-mhàin dhan Ghàidhlig, tha na h-àireamhan air a bhith cho beag uaireanan 's nach eil an sòlar gu bhith seasmhach", thuirt e.