Clàr-ama ga chur gu Cal Mac

  • Air fhoillseachadh
Loch Baghasdail
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir a' bhuidheann an clàr-ama ùr a dh'ionnsaigh Chal Mac airson gun tèid beachdachadh air.

Tha buidheann an Uibhist a Deas air clàr-ama ùr a chur a dh'ionnsaigh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn airson seirbheis-aiseig às Loch Baghasdail gu Malaig as t-Samhradh.

Dh'fhàgadh sin gè-tà, gun cailleadh Eilean Bharraigh seirbheis tron t-seachdain.

Thuirt fear de chomhairlichean Eilein Bharraigh, Dòmhnall Manford, gu bheil e deònach coinneachadh ri Cal Mac agus muinntir Uibhist mun chlàr-ama ùr a chaidh a dhealbh.

'S ann an uiridh a thòisich an t-seirbehis aiseig eadar Malaig agus Loch Baghasdail, ach mar sgeama pìleat a-mhàin thar mìosan a' Gheamhraidh.

Tha a' bhuidheann ann an Uibhist a Deas ag ràdh, nan tigeadh an aiseag a-steach gu Loch Baghasdail tràth feagsar Dihaoine gun gabhadh an uair sin dà sheirbheis a chur air dòigh gu Malaig Disathairne ma tha iarrtas ann airson a leithid. Dhèanadh i an uair sin air an Òban.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a' Deas Raghnall MacFhionnghain gum biodh seo gu buannachd nan eileanan a deas air fad.

Dh'fhàgadh sin ge-tà, gun cailleadh muinntir Bharraigh an t-seirbheis a th' aca dhan Òban Diciadain.