Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Bha coinneamh aig Dàibhidh Camshron ri Prìomhaire na Pòlainn, Ewa Kopacz, ann an Warsaw an-diugh sa mhadainn agus e ag iarraidh a taic airson phlanaichean a bheireadh atharrachadh air càirdeas Bhreatainn ris an Aonad Eòrpach. Tha a' Bh.Ph. Kopacz a' cur an aghaidh phlana Mhgr Chamshroin airson gearradh ann an sochairean sòisealta do dh'in-imrich às an AE. Tha am Prìomhaire a-niste air a shlighe gu coinneimh le Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel.

FIFA

Tha ballrachd FIFA a' bhòtadh an-dràsta air an tèid Sepp Blatter a thilleadh mar Cheann-Suidhe agus buidheann-riaghlaidh a' bhuill-choise air feadh an t-saoghail glacte ann an sgainneal mu choirbteachd agus brìbearachd. Tha Sepp Blatter ag iarraidh teirm eile san dreuchd 's gun ach aon duine a' seasamh na aghaidh - am Prionnsa Ali à Iòrdan. Thuirt Mgr Blatter ron bhòt ann an Zurich nach eil na thachair o chionn là no dhà idir a' ciallachadh gu bheil ceann-suidhe ùr a dhìth air FIFA.

Clàr-ama Ùr

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag iarraidh beachd mhuinntir Bharraigh air plana far an cailleadh iad aon sheirbheis san t-seachdain airson seòladh a chur eadar Loch Baghasdail agus Malaig as t-Samhradh às dèidh do bhuidhinn ann an Uibhist a Deas clàr-ama a' moladh sin a chur gu Cal Mac. Thuirt Dòmhnall Manford, fear de chomhairlichean Bharraigh, ged a tha e teagmhach agus diombach, gu bheil e deònach coinneachadh airson bruidhinn mu dheidhinn.

Na Lib-Deamaich

Tha na Lib-Deamaich aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' bhuidheann-riaghlaidh fhàgail. Tha iad a-niste air a dhol an sàs ann an còmhraidhean feuch co-bhanntachd-riaghlaidh ùr a stèidheachadh. Tha mì-thoileachas air a bhith ann o chaidh an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn a thaghadh mar Cheannard, 's Drew Hendry a bha san dreuchd a-niste na Bhall-Pàrlamaid aig Westminster.

Legal Highs

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ullachadh lagha ùir airson smachd air na drogaichean ris an canar "legal highs". Cuiridh Bile nan Stuthan Psychoactive casg air stuth sam bith a bheir atharrachadh inntinne air duine mura bi cead sònraichte ann airson an cleachdadh.

Tidsearan

Tha an t-aonadh teagaisg as motha ann an Alba ag ràdh gun do rinn iad rannsachadh a sheall gu bheil tidsearan anns a' chumantas ag obair 11 uair san t-seachdain a bharrachd air na 35 uairean a tha sa chùmhnant aca. Tha an EIS ag ràdh gum feum dèiligeadh ri uallach na h-obrach air tidsearan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill an àireamh cheart de thidsearan a chumail sna sgoiltean.