Lib-Deamaich a' fàgail buidhne-riaghlaidh
- Air fhoillseachadh
Tha na Lib-Deamaich air Comahirle na Gàidhealtachd air a' bhuidheann-riaghlaidh fhàgail.
Tha iad a-niste air a dhol an sàs ann an còmhraidhean feuch co-bhanntachd-riaghlaidh ùr a stèidheachadh.
Tha mì-thoileachas air a bhith ann bho chaidh an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn a thaghadh mar cheannard agus Drew Hendry, a bh' anns an dreuchd roimhpe, a-nis na Bhall-Pàrlamaid aig Westminster.
Tha dùil gun lean na còmhraidhean Diluain.