Leasachadh bann-leathainn do Shlèite

Càballan
Image caption Tha cuid de sgìrean ann an Slèite far nach eil bann-leathann idir ri fhaotainn fhathast.

Gheibh suas ri 100 taigh ann an Slèite buannachd à pròiseact coimhearsnachd 'son bann-leathann nas fheàrr fhaighinn dhan sgìre.

Thòisich Urras Coimhearsnachd Shlèite obair bho chionn dà bhliadhna 'son uidheamachd a chur an sàs a bheir eadar-lìon nas luaithe do mhuinntir an àite.

Tha a-nis 12 chrann aca feadh an àite agus tha sgeama pìleat dìreach a' tòiseachadh leis a' chiad luchd-cleachdaidh.

"An t-seòrsa teicneòlais a tha sinn a' cleachdadh, 's e a bhith a' cleachdadh chrann a tha a' cur an t-siognail mun cuairt timcheall an adhair, an àite a bhith a' chur chàballan fon talamh," thuirt Ruairidh Greumach bhon Urras.

"Mar sin tha an eadar-lìon a' tighinn mar bhun-structair na dùthcha dha na taighean-suidsidh, agus an uair sin tha sinne a' cur chrann a-steach dhan taigh-suidsidh, agus a' "pingeadh" an t-siognail sin mun cuairt Shlèite agus sìos dha na taighean," thuirt e.

Tha BT ag amas air bann-leathann fìor-luath a thoirt don chuid as motha den Eilean Sgitheanach sna bliadhnaichean ri tighinn, agus tha Mgr Greamach ag ràdh gum faigh cuid ann an Slèite buannachd à sin, ach gu bheil cuideachd sgìrean ann far nach eil bann-leathann de sheòrsa sam bith fhathast.

"Bidh cuid againn a' faighinn buannachd à sin, ach tha fhathast coimhearsnachdan, leithid Druim Fheàrna, a tha fhathast air dial-up an-dràsta.

"Cha d' fhuair iadsan bann-leathann sam bith. 'S e sin as coireach gu bheil sinn a' dèanamh a' phròiseict seo.

"Tha an t-astar a tha iadsan a' faighinn 's dòcha aig 0.1 / 0.2 no fiù 's nas lugha na sin chuala mi.

"Leis na tha sinne a' tabhainn an-dràsta, tha e suas gu 5MB.

"Agus nuair a thèid am fibre-optic a chur a-steach dhan taigh-suidsidh ann am Malaig, tha sin cho luath ri solas, so tha sin suas gu 100MB no barrachd," thuirt e.