Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Melanoma

Tha rannsachadh a rinnear ann am Breatainn a' dèanamh dheth gun gabh tiumaran aillse a lùghdachadh ann an dà thrian de dhaoine leis an t-seòrsa as cunnartaiche de dh'aills chraicinn le a bhith a' cleachdadh dà chunngaidh-lèighis còmhla. Tha an dòigh-lèighis ga meas mar adhartas cumhachdach an aghaidh melanoma.

Cumhachdan Eileanach

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh as t-Samhradh feuch dè bu chòir a bhith an lùib bile ùir do dh'Eileanan na h-Alba. Bhiodh am bile ag amas, tha an Riaghalts ag ràdh, air cumhachdan a bharrachd, co-ionnanachd agus dìon dha na h-Eileanan. Chaidh an naidheachd, còmhla ri co-chomhairleachadh air Oighreachd a' Chrùin, fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear aig coinneimh de Chaidreachas na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Arcaibh.

Siostam an Taghaidh

Tha Comann Ath-Leasachaidh nan Taghaidhean ag ràdh gun robh an taghadh coitcheann air a' mhìos a chaidh am measg an fheadhainn as mì-chothromaiche riamh. Tha iad ag ràdh gun deach a' mhòr-chuid de bhuill a thaghadh le nas lugha na dàrna cuid nam bhòtaichean, agus gum feumar cur às don t-siostam taghaidh a th' ann an-dràsta "First Past the Post". Ma bha na seataichean air an roghainn a rèir àireamh nam bhòtaichean, tha iad ag ràdh, bhiodh 30 seataichean aig an SNP, 's bhiodh còrr air 80 aig UKIP.

Earrainnean Lloyds

Tha plana an Riaghaltais airson earrainnean ann am Banca Lloyds a reic ga leudachadh airson sia mìosan. Bhon Dùbhlachd an-uiridh chaidh £3.5bn a thional air ais chun an sporain phoblaich.

Lasachadh Connaidh

Tha sgeama airson 5sg an liotair a thoirt far phrìs a' pheatroil ga leudachadh gu sgìrean iomallach de Thìr Mòr bho an-diugh. Tha an sgeama air a bhith a' ruith treis anns na h-Eileanan. Tha an t-airgead a' tighinn far na prìse, agus cothrom aig garaidsan an t-airgead iarraidh air ais bhon Riaghaltas. Tha cuid de sgìrean nach eil an lùib na sgeama fhathast ge-tà, mar a' Bhlàran Odhair ann an Cataibh.

Plèana Grèine

Tha itealan a tha a' cleachdadh chumhachd na grèine a-mhàin agus e a' feuchainn ri dhol ceithir-thimcheall na Cruinne a' dol a laighe ann an Iapan, 's aca ri oidhirp a dhol tarsainn a' Chuain Shèimh a leigeil seachad an-dràsta. Dh'fhalbh an t-itealan Solar Impulse à Sìona 's i a' dèanamh air Hawaii. Ach tha droch shìde a' ciallachadh nach dèan i a' chùis air, agus tha i a' dol a laighe ann an Iapan gus am bi an t-sìde freagarrach.