Achd na Gàidhlig 10 bliadhna de dh'aois

Iain Caimbeul
Image caption Tha Mgr Caimbeul an dòchas gum bi còrr air 100,000 duine a' bruidhinn na Gàidhlig an Alba an ceann deich bliadhna eile.

Tha deich bliadhna ann bho chaidh Achd na Gàidhlig a stèidheachadh ann an lagh na h-Alba, a' toirt inbhe oifigeil don chànan.Thug an Achd Bòrd na Gàidhlig gu bith, buidheann a tha an-diugh os cionn leasachaidhean a' chànain air feadh na h-Alba.

Thuirt Ceannard a' Bhùird, Iain Caimbeul, gun robh e an dòchas gum biodh 100,000 duine a' bruidhinn na Gàidhlig an ceann deich bliadhna eile.

Thuirt Mgr Caimbeul gun deach adhartas mòr a dhèanamh o chuireadh an achd san lagh.

Foghlam

"Thug an achd buaidh mhòr dha-rìribh, o chionn dh'fhosgail e doras dhan roinn phoblaich, agus gu dearbha dhan choimhearsnachd air fad beagan de chòirichean fhaighinn airson na Gàidhlig ann an Alba agus tha sin air ceumannan mòra a dhèanamh bho dheich bliadhna air ais," thuirt e.

"Tha a-nis Bòrd na Gàidhlig ann, tha an achd ann, tha sreath de sgoiltean Gàidhlig ùra ann.

"Tha cuideachd suas ri 12,000 sgoilear anns na sgoiltean againn, agus còrr is 1,000 òganach òg eadar 0-3 bliadhna ag ionnsachadh Gàidhlig.

"Thairis air an ath-dheich bliadhna, 's e a bhith a' cumail a' dol mar a tha sinn, agus tuilleadh misneachd a chruthachadh anns na coimhearsnachdan againn agus anns an òigridh cuideachd.

"Am-bliadhna seo fhèin, air beulaibh na Pàrlamaid, tha bile ùr ann airson foghlaim, agus a' Ghàidhlig na pàirt mhòr dheth sin.

"Tha stiùireadh foirmeil a' dol a thighinn a-mach bho Bhòrd na Gàidhlig a thaobh foghlaim Ghàidhlig.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sin a' cheart cho cudromach 's a bha Achd na Gàidhlig, agus ann an deich bliadhna eile bhithinn fhèin an dòchas co-dhiù gum biodh còirichean foirmeil aig muinntir na Gàidhlig a' Ghàidhlig a chleachdadh agus ionnsachadh air feadh Alba air fad.

"'S e rud mòr a bhiodh an sin.

Dùbhlan Mòr

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn a bhith a' coimhead nas fhaide na deich bliadhna, agus a' coimhead air gnothaichean mar ghinealach mar gum biodh.

"Ach tha sinn air an t-slighe cheart. Tha sinn air ceumannan mòra a dhèanamh.

"Ach ann an deich bliadhna eile bhithinn ag ràdh còirichean a bharrachd do shaoghal na Gàidhlig air fad, agus bhithinn an dòchas co-dhiù gum biodh còrr is 100,000 duine comasach air Gàidhlig a bhruidhinn ann an Alba.

"Tha dùbhlan mòr againn fhathast cuideachd ceangailte ris na sgoiltean, gus gu h-àraid na h-àrd-sgoiltean, agus feumaidh sinn sin a chur ceart.

"Tha pàirt dheth ceangailte ri misneachd aig pàrantan a' chlann a chur dha na h-àrd-sgoiltean, ach cuideachd mar a tha fhios aig a h-uile duine, tha gainnead thidsearan ann - chan e a-mhàin ann an saoghal na Gàidhlig ach cuideachd ann an saoghal na Beurla.

"So tha tòrr ri dhèanamh anns an t-seadh sin, ach tha sinn air an t-slighe cheart. Ceumannan mòra air an dèanamh - ach ceumannan mòra fhathast ri dhèanamh cuideachd," thuirt e.