Buidheann-riaghlaidh sheasmhach fhathast a dhìth

Prìomh Oifis na Comhairle
Image caption Dh'fhàg na Lib-Deamaich buidheann-riaghlaidh na Comhairle Dihaoine.

Dhearbh Ceannard Buidheann an SNP aig Comhairle na Gàidhealtachd nach tèid iad ann an co-bhanntachd eile ris na Lib-Deamaich a-muigh no a-mach.

Thuirt Maxine Nic a' Ghobhainn gun robh i a' faireachdainn gun robh i "air a treigsinn" às dèidh dha na Lib-Deamaich an cùl a chur ris a' cho-bhanntachd a bh' aca fhèin agus na Làbaraich leis an SNP.

Clach às an adhair

Thuirt ceannard nan Lib-Deamach, Dàibhidh Alston, gun robh an SNP gu mòr fo smachd Riaghaltas na h-Alba air ceistean a bha glè chudromach dhan Ghàidhealtachd.

Tha na Lib-Deamaich a-nise a' feuchainn ri co-bhanntachd ùr a stèidheachadh leis na neo-eisimeilich.

Thug Ceannard Buidheann an SNP, Maxine Nic a' Ghobhainn, slaic air na Lib-Deamaich 's i ag ràdh gun robh i air coinneachadh ri Mgr Alston grunn thursan bho chionn ghoirid is gun tàinig an naidheachd seo mar chlach às an adhair.

Thuirt i gun robh an SNP air a' Ghàidhealtachd air cur an aghaidh an Riaghaltais Albannaich air grunn cheistean, is nach robh i a' tuigsinn carson a bha na Lib-Deamaich air coiseachd a-mach aig àm nuair a tha a' Chomhairle, na beachd-sa, a' soirbheachadh.

Dh'innis i gu bheil oidhirp a' leantainn gus buidheann-riaghlaidh sheasmhach a stèidheachdh, ach thuirt i nach obraich an SNP leis na Lib-Deamaich a-rithist a-muigh no a-mach.