'Black Angel' ga fhiolmadh air a' Ghàidhealtachd

Gleann Comhann Image copyright SAIS Glencoe
Image caption Thèid fiolmadh a dhèanamh ann a Gleann Comhann, am measg àitean eile air a' Ghàidhealtachd.

Thèid fiolm slàn a dhèanamh de 'Black Angel' - fiolm goirid a chaidh a dhealbh ann a 1979 's a bhiodh ga shealltainn ann an taighean-deilbh mus biodh 'Star Wars The Empire Strikes Back' ga shealltainn.

'S e Roger Christian, a bhuannaich Oscars 'son na h-obrach a rinn e air 'Star Wars A New Hope', a chuir 'Black Angel' ri chèile, agus dh'fhàs am fiolm goirid ainmeil mar 'cult viewing'.

'S ann an Alba a chaidh am fiolm a dhèanamh sa chiad àite, agus tha Mgr Christian airson tilleadh gus fiolm slàn fhoillseachadh.

Cosgaisean

Cha do chosg am fiolm goirid ach £25,000 aig an àm, agus tha an sgeulachd mu Ridire, Sir Maddox, agus e air an rathad dhachaigh bho Chogaidhean na Croise.

Tha cùisean truagh dha nuair a thilleas e, le a theaghlach air fad marbh.

Tha e fhèin gus bàthadh agus tha e ag aisling mu bhana-phrionnsa - 's tha fhios aige gum feum e cobhair a dhèanamh oirre bhon 'Black Angel' a tha ga cumail an grèim.

Bha dùil gun deach clàraidhean den 'Black Angel' air chall, ach chaidh lorg air aon dhiubh an-uiridh agus airson a' chiad uair ann an 34 bliadhna, chaidh a shealltainn ann an Alba.

A-nise tha iomairt 'crowdfunding' air tòiseachadh 'son £66,000 a thogail 'son a chur ris na cosgaisean a bhios an lùib fiolm slàn a dhèanamh dheth.

Roisgeul

Tha dùil gun tèid fiolmadh air adhart ann a Gleann Comhann, Caisteal Eilein Donnain, agus 's dòcha àitean anns an Eilean Sgitheanach.

Thuirt Stiùriche an fhiolm, Roger Christian, gu bheil Caisteal Eilein Donnain fìor chudromach leis gu bheil e mar phàirt den ursgeul.

"Tha e a' toirt dhuinn deilbh roisgeulaich - rud a tha deatamach anns an sgeulachd air cùlaibh Black Angel".

"Gu mì-fhortanach b'fheudar stiùidio a chleachdadh anns an Ungar 'son cuid de na pìosan air sgàth 's gu bheil cìsean nas ìsle thall an sin, agus tha na sets aca deiseil dhuinn".

Blade Runner

"Cuideachd, tha am fiolm a' tòiseachadh anns an fhàsaich, 's mar sin feumaidh sin a dhol a Mhorogo 'son sin".

Tha dùil gun tòisich fiolmadh air a' Ghàidhealtachd anns an t-Sultain, le lùth-chleasaichean John Rhys Davis a bha anns an 'Lord of the Rings' agus 'Indiana Jones' agus Rutger Hauer, a bha ainmeil airson a' phàirt a bh' aige ann am 'Blade Runner'.

A rèir Roger Christian, tha an t-àm ceart 'son leithid de dh'fhiolm o chionn 's gu bheil daoine air am beò-ghlacadh le prògraman leithid 'Game of Thrones'.

Bidh ùidh mhòr aca ann am 'Black Angel' thuirt e, leis gu bheil saighdear, bana-phrionnsa agus geasadair ag obair còmhla an aghaidh an Aingeil Duibh agus Arm nam Marbh a' fàgail daoine air bhioran le ùrsgeul làn dràma agus roisgeul.