Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teàrlach Ceanadach

Tha luaidh ga dhèanamh air Teàrlach Ceanadach, agus seann cheannard nan Lib-Deamach air bàsachadh gu h-obann. Bha e 55 bliadhna de dh'aois. Tha luchd-poileataigs bhon a -uile taobh air luaidh a dhèanamh air fear a bha iriseil, duineil, agus aig an robh dàimh làidir ri daoine. Bha Uisdean MacIllInnein eòlach air ann an Loch Abair.

"'S e Abrach a bh' ann an Teàrlach. Cha bhuineadh e gu fìrinneach dhan Ghearasdan idir. Bhuineadh e do theaghlach aig an robh eachdraidh gu math fada ann an sgìre Loch Abar, agus bhuineadh e do Chaol a' Ghearasdain, ri taobh Abhainn Lòchaidh, dìreach ri taobh a' chaisteil an sin, agus bha e uabhasach mothachail air an eachdraidh a bha sin aige, agus chuir mi eòlas air an uair sin ag obair aig an t-seann BhBC Highland, nuair a bha e dìreach air tighinn às na Stàitean na oileanach agus e a' deasachadh airson feuchainn dhan Phàrlamaid gun fhios aige dè bha roimhe. Nuair a thòisicheas tu a' dol air ais cho fada sin agus nuair a chì thu, mar a bha Torcuil ag ràdh na choilean e agus nach do choilean e na bheatha, chan urrainn dhut sin innse ann am beagan mhionaidean air là mar seo. 'S e duine dàimheil a bh' ann, duine dealasach mar a thuirt Dòmhnall Moireasdan. Duine dìreach cuideachd, agus duine air an robh ceann nach fhaic sinn ach ainneamh, agus bha e air a ghleus ann an dòigh phearsanta nach fhaic thu ach ainneamh ann an saoghal poileataigs."

Sìona

Tha luchd-cobhair ann an Sìona air a bhith a' cnogadh air slige bàta a chuir car air Abhainn Yangtze ann an Sìona, feuch a bheil daoine glacte am broinn a t-soithich. Tha dàibhearan mar thà air boireannach aois 65 a thoirt a-mach às às dèidh 15 uairean de thìde. Tha a' mhòr-chuid den 450 duine a bh' air bòrd fhathast a dhìth.

Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd

Coinnichidh Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd an-diugh 's iad gu bhith a' bruidhinn air Ospadal an Ràthaig Mhòir 's na tha an dàn dhi. Tha cuid den bheachd nach eil an t-ospadal freagarrach a-nis ann, agus thathas ag iarraidh ospadal gu tur ùr a thogail. Chosgadh sin timcheall air £450m. Tha moladh eile ann Ospadal an Ràthaig Mhòir fhèin a sgeadachadh.

Mucan-mara

Tha luchd-teasairginn a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air 21 mhuc-mhara a th' air tighinn air tìr ann an Stafainn. Chaidh aig dàibhearan air 18 dhiubh fhaighinn air ais gu muir tràth sa mhadainn, agus dithis eile às dèidh sin. Ach chaidh deich dhiubh an uair sin air tìr a-rithist. Thuirt na Maoir-Chladaich gum biodh cothrom ann an tilleadh gu muir aig làn àrd a-nochd fhathast.

Bòrd na Gàidhlig

Chaidh Ailean Dòmhnallach ainmeachadh mar Chathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig. Tha Mgr Dòmhnallach ag obair ann an riochdachadh telebhisein, agus e air a bhith bliadhnaichean mòra an sàs ann an craoladh Gàidhlig. Tha e air a bhith ann an dreuchd a' Chathraiche gu h-eadar-amail, agus bidh e san obair gu deireadh a' Chèitein 2019.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Tha buidheann de dh'eòlaichean saidheans agus eaconamach à Breatainn ag ràdh gum bu chòir iomairt coltach ri iomairt-fànais Apollo a chur air dòigh a thaobh teicneòlas a leasachadh an aghaidh blàthachadh na Cruinne. Tha iad ag iarraidh air riaghaltasan obrachadh còmhla gus am bi cumhachd ath-nuadhachail nas saoire na gual anns a h-uile dùthaich taobh a-staigh deich bliadhna.