Ochd muca-mara marbh faisg air Stafainn

Luchd-cobhair Image copyright Crown copyright
Image caption Thathas ag iarraidh air daoine fuireach pìos air falbh bho na mucan-mara.

Tha ochd mucan-mara cinnmhor air bàsachadh an dèidh do bhuidhinn dhiubh a dhol air tìr air Eilean Steinnseill, faisg air Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Chaidh buidheann de 21 fhaicinn faisg air a' chladach feasgar Diluain, agus tràth madainn Dimàirt thàinig iad uile air tìr.

Chaidh cobhair a dhèanamh air cuid aca, agus tha na Maoir-Chladaich ag ràdh gum bi cothrom ann an naoi eile a thilleadh gu muir aig làn àrd oidhche Mhàirt aig 7:00f.

abhairean

Tha dàibhearan air a bhith os cionn chùisean, a' cumail sùil air gach beathach.

Thathas a' dèanamh a-mach gun robh trioblaidean aig aon mhuc-mhara agus laogh gu bhith aice. Bhàsaich an laogh.

Mar as trice cha bhi muc-mhara chinnmhor ach ann an uisgeachan domhain, agus 's ann an iar air Innse Gall agus tuath air a' Chuan Sgìth a chìthear iad.

Na tig ro fhaisg

Ma 's e is gun tig iad a-steach gu uisgeachan na h-oirthir, tha iad dualtach tighinn air tìr ann an àireamhan mòra.

Tha Urras Mhucan Mara is Leumadairean Innse Gall ag iarraidh air a' phoball gun a bhith a' tighinn ro fhaisg air na beathaichean o chionn 's gu bheil iad ann an èiginn, agus ma tha cus dhaoine timcheall tha sin a' toirt droch bhuaidh orra.