Ceist mu Ospadal an Ràthaig Mhòir san am ri teachd

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chosgadh e £280m son an t-ospadal a' leasachadh

Chuala Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd Dimàirt gur dòcha gum bi ospadal ùr a dhìth an àite Ospadal an Ràthaig Mhòir, leis nach eil an togalach a th'ann freagarrach tuilleadh.

Tha mar a tha sluagh a' bhaile ag èirigh agus droch staid cuid dha na togalaichean aig an ospadal a' fàgail ceannardan slàinte a'beachdachadh air diofar roghainean.

Mhìnich oifigeirean do bhuill a' Bhùird gum bi làtha Ospadal an Rathaig Mhòir - mar a tha e an-dràsta - seachad ann an ùine nach bi fada.

Airson seirbheis cheart a chumail ris a' Ghàidhealtachd, feumar ospadal gu tur ùr a thogail no am fear a th' ann ath-leasachadh.

Cosgaisean

Thathas a'deanamh dheth gun cosgadh fear ùr mu cheithir ceud gu leth millean not.

Bhiodh an roghainn bu shaoire airson an fhear a th'ann a leasachadh 's beagan a chuir ris, dà cheud 's ceithir fichead millean not.

Ach tha na planaichean aca aig ìre tràth agus chan fhaic duine athrrachadh sam bith air an Ràthaig Mhòir airson deich bliadhna co-dhiubh le rannsachadh agus riaghaltan plannaidh ri dhèanamh, a-reir Cathraiche a Bhùird, Gary Coutts.