Dòchas fhathast airson an City Deal

Fòn-làimhe Image copyright PA
Image caption Chuir seann Bh.P. na sgìre, Danny Alexander, an sgeama air adhart, ach chaidh fhàgail ann am prionnsabal a-mhàin, seach na rud dearbhte.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad fhathast dòchasach gu tig an t-airgead leasachaidh ris an canar an City Deal gu buil.

Gheall Danny Alexander a bha roimhe na Bhall-Pàrlamaid airson Inbhir Nis, Bàideanach agus Srath Spè an t-airgead ron taghadh choitcheann, ach thàinig e am bàrr nach eil e ann ann da-rìribh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh cead bho Roinn an Ionmhais airson pròiseactan luach £3m a chur air bhonn am baile Inbhir Nis.

Nam measg tha leasachadh air Caisteal Inbhir Nis, leasachadh am meadhan a' bhaile fhèin, agus siostam Wi-Fi a chur air bhonn am meadhan a' bhaile.

"Tha sinn a' coimhead ri leasachadh a dhèanamh air a' chaisteal - rud a tha an dèidh tòiseachadh a' tachairt mar thà," thuirt Probhost a' bhaile, Ailig Greumach.

"Agus a' coimhead rudan mar àite seallaidh a chur dhan chaisteal, agus tòiseachadh a' cleachdadh a' chaisteil mar a bu chòir dha a bhith, sin mar ionad far am bi luchd-turais air an tarraing gu bhith a' dèanamh rudeigin anns a' chaisteal.

"'S ann leis a' Chomhairle a tha Tùr a Tuath a' chaisteil, agus 's ann le Seirbheisean Cùirte na h-Alba a tha an còrr dheth, 's chan eil e nar comas càil a dhèanamh le sin aig an ìre seo.

"'S an dàrna rud le Wi-Fi, tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a-nis a' sùileachadh, a h-uile àite dhan tèid iad, cha-mhòr a-muigh air a' mhòintich, gum bi Wi-Fi aca, no shìos a' togail a' bhuntàt' gun urrainn dhaibh log-in a dhèanamh.

"Tha sin tarraingeach dha baile mar Inbhir Nis. Ma thig cuideigin bhon bhus, 's urrainn dhaibh coimhead ris a' fòn aca sa bhad agus faicinn rudeigin mar chlàr, a' faicinn cà'il iad a' dol, no càite a bheil tagsaidh.

"Tha sinn a' coimhead ri siostam far am bi siostam Wi-Fi tarsainn air a' bhaile.

"Tha an saoghal air atharrachadh, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud gu math feumail a bhios ann," thuirt e.