Curachd gu math anmoch air machaire Uibhist
- Air fhoillseachadh

B' fheudar do 44 croitearan ann an Uibhist cead fhaighinn bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH) am machair a threabhadh nas anmoiche na an ceann-là a th' air a chur romhpa ann an sgìrean glèidhte air sàileabh cho fliuch 's a bha an talamh.
Le cur mu mhìos air dheireadh, agus droch shìde, tha teagamh air cuid mu na gheibh iad às obair a' mhachaire am-bliadhna.
Feumaidh an treabhadh, cur is cliathradh anns a' mhachair a bhith deiseil gach bliadhna ron 15mh den Chèitean, gus cothrom a thoirt do dh'eòin neadachadh agus àl a thoirt a-nuas gu sàbhailte.
Am-bliadhna bha an Cèitean fuar, fiadhaich agus fliuch, agus chuir sin maill air obair nan croitearan, ri linn 's gun robh an talamh ro fhliuch obrachadh.
Sìol air a bhàthadh
"'S e an trioblaid a bu mhotha a bh' againne, 's e an t-sìde," thuirt Seonaidh MacIllEathain, a bhios ag obrachadh earrainn de mhachaire an Iochdair.
"Tha am machair againne car ìseal, flat, agus tha e a' cumail an uisge.
"Rinn sinn an gnothach, le riasladh, air a threabhadh, ach cha ghabhadh curachd dèanamh.
"Bhiodh e air a mhilleadh mus faigheamaid air cliathradh," thuirt e.
Tha a' chuid as motha de mhachaire Uibhist na sgìre ghlèidhte, fo stiùir SNH, leithid Baile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath.
"Tha feadhainn ann a fhuair air treabhadh a dhèanamh agus curachd a dhèanamh, ach tha iad air sìol a chall," thuirt John Allan MacIllFhialain, a bhios a' cur ann am Baile Raghnaill.
"Tha an sìol air a dhol fodha 's tha e air a bhàthadh, 's tha sin air a chall a-nis air fad," thuirt e.
Mura faigh croitear air an obair a dhèanamh ann an àm, feumaidh iad cead iarraidh o SNH a dhèanamh nas anmoiche.
SRDP
An-uiridh fhuair a' bhuidheann iarrtas bho 12 croitear ann an Uibhist, ach am-bliadhna dh'iarr 44 croitear eadar Baile Raghnaill an Uibhist a Tuath, agus Bòrnais ann an Uibhist a Deas, ri linn cho truagh 's a bha aimsir a' Chèitein.
"Faodaidh croitearan tighinn thugainne gu dìreach, agus cha do dh'iarr mi mòran fiosrachaidh," thuirt Flòraidh Dhòmhnaill, Oifigear Obraichean airson nan Eileanan an Iar agus Earra-Ghàidheal aig SNH.
"Chan fheum mi ach fios a bhith agam càite a bheil na badan a tha dùil aca a threabhadh.
"Gu follaiseach, leis gum bi sin ga atharrachadh a h-uile bliadhna, tha e cudromach fios a bhith agam dè na badan a tha iad a' treabhadh am-bliadhna.
"A thuilleadh air sin, ma tha iad ann an SRDP, feumaidh mi cuideachd fios a chur air an Roinn RPID, gun tug sinn sìneadh dhaibh, oir a-rithist, 's e an obair a bhith deiseil aca ron 15mh den Chèitean na phàirt den chùmhnant aca airson am pàigheadh fhaighinn airson manaidsearachd na talmhainn," thuirt i.
Dàrna Sìneadh
Chaidh an ceann-là a ghluasad chun an là mu dheireadh den Chèitean, ach fiù 's aig an sin, cha deach aig John Allan, no Seonaidh crìoch a chur air obair a' mhachaire.
"Cha robh e doirbh idir, agus tha e cho math nach robh," thuirt John Allan.
"Thoradh, chan eil fhios agam dè bhiodh air tachairt, thoradh 's e seo a-niste an dàrna sìneadh a tha sinn air fhaighinn.
"Chan eil fhios agam an gabh pìosan dheth dèanamh an uair sin fhèin. Tha an t-àite cho cianail fliuch 's tha e dìreach a' faileachadh oirnn faighinn air le uidheamachd airson a chrìochnachadh," thuirt e.
"Cha do rinn mi rolaigeadh fhathast. Cha dèan mi an gnothach air a' churachd a dhèanamh gun an sìneadh a thug iad dhomh chun an 1mh den Ògmhios," thuirt Seonaidh.
"Uell rinn mi an gnothach air thuige sin, ach chan eil an rolaigeadh dèante fhathast, ach feumaidh mi cead fhaighinn airson sin a-niste," thuirt e.
Às dèidh fìor dheagh Fhoghair an-uiridh, ged a thigeadh blàths às dèidh seo, tha e doirbh fhaicinn gum biodh toradh na bliadhna seo faisg cho math, a rèir John Allan MhicIllFhialain.
"An rud a dh'fhaodadh tachairt, gu h-àraid nuair a thig àm an Fhoghair, tha a h-uile dad a' dol a bhith cho fada gun fhaighinn thuige, 's tha arbhar a' dol a bhith cho fada gun abachadh," thuirt e.
"Agus mar a tha fhios againn a h-uile bliadhna, tha geòidh a' tighinn thugainn air an arbhar, agus dh'fhaodadh e tighinn thuige nach bi dad againn airson a fhroiseadh airson sìol a bhith againn airson na h-ath-bhliadhna," thuirt e.