Croitearachd "ann an deagh shuidheachadh"

Talamh-croite
Image caption Thill 85% de chroitearan na foirmichean - rud a dh'feumadh iad a dhèanamh fon lagh.

Tha Coimisean na Croitearachd ag ràdh gu bheil cunntas-bheachd a rinn iad a' sealltainn gu bheil croitearachd san fharsainneachd ann an deagh shuidheachadh.

Ged a bha cuid a' gearain gun tainig orra, fon lagh, am fiosrachadh a thoirt seachad ann an census an-uiridh, thug 85% de chroitearan am beachd seachad.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e rud math a bh' ann gun do rinn an Coimisean seo - uell dh'fheumadh iad a thaobh an lagha co-dhiù," thuirt Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacIllinnein.

"Agus tha e ag innse dhuinn gu bheil cùisean glè mhath ann an sgìrean croitearachd.

Figearan nas fheàrr

"'S e rud ùr a th' ann an duine a bhith a' cantainn sin, ach 's e sin a thàinig a-mach bho na figearan seo co-dhiù," thuirt e.

Bha ceist air gu leòr de chroitearan carson a chaidh am fiosrachadh iarraidh orra, agus iad a' toirt an aon fhiosrachaidh a-steach do dh'Oifis na h-Alba mar thà.

Ach tha Mgr MacIllinnein ag ràdh gun tug am fiosrachadh mìneachadh fada nas mionaidiche dhaibh air na tha a' tachairt air talamh-croite.

"Mus tàinig Achd ùr na Croitearachd (a thug air a' Choimisean seo a dhèanamh) ann an 2010, cha robh fios aig duine ceart buileach dè bha a' tachairt air an talamh.

"'S ann airson taic a thoirt dha na croitearan a tha ag obair, a tha figearan na Roinne.

"Ach dhuinne an seo, dè tha a' tachairt air na croitean nach eil a' faighinn taic bhon Roinn cuideachd. Tha am fear againne a' dol a-mach agus a' toirt a-steach figearan a tha tòrr nas fheàrr na sin.

"Tha sin a' toirt dealbh dhuinn a-nis gu bheil cùisean nas fheàrr na bha dùil againn," thuirt e.

Thuirt Mgr MacIllInnein gu bheil an Coimisean an-dràsta a' beachdachadh air mar a dhèiligeas iad ris a' 15% de chroitearan nach do thill fiosrachadh thuca.

Thuirt e gun robh am pròiseas fhèin air tòiseachadh toirt air daoine beachdachadh air mar a ghabhas lotaichean bàna cleachdadh.

"Bho thòisich sinn a' dèanamh seo tha sinn air faicinn gu bheil daoine a' tighinn a-steach 's a' cantainn "uell tha fhios agam nach eil mi a' dèanamh càil leis an lot" agus tha sinn a' coimhead a-nis 's a' faicinn tòrr fo-ghabhaltasan a' tighinn a-steach airson daoine, mar eisimpleir, a tha a' fuireach air falbh an-dràsta 's nach fhaigh air a bhith ag obrachadh an lot, ach tha dùil aca a thighinn air ais.

"Tha iad a' faicinn gum feum iad rudeigin a dhèanamh leis an lot, seach dìreach a fàgail bàn. Agus tha iad a' dèanamh sin.

"Agus tha sinn a' faicinn seann daoine 's mathaid aig a bheil fios nach eil iad gu bhith ag obrachadh nan lotaichean aca tuilleadh, 's gu bheil iad a' toirt nan lotaichean seachad gu òigridh," thuirt e.