Binn prìosain do dh'èigneachair san Òban

Thugadh binn prìosain ceithir bliadhna gu leth dha fireannach, aois 73, 'son boireannach aig a bheil trioblaidean ionnsachaidh, èigneachadh na dhachaigh san Òban.

Thug Stiùbhart Winton ionnsaigh air a' bhoireannach, a tha còrr is 40 bliadhna de dh'aois, nuair a bha a' bhean aige, a tha ciorramach, a-muigh.

Thachair an ionnsaigh uaireigin eadar an Giblean agus an t-Ògmhìos ann an 2013.

Chaidh Winton a dhìteadh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.