Griod nan Eilean Siar làn

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tha SSE a-niste ag ràdh gur dòcha nach bi an càball a tha iad am beachd a chur fon Chuan Sgìth mòr gu leòr airson dèiligeadh ris na bhios ann de dh'iarrtas.

Chaidh innse do bhuidhnean coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar a tha airson pròiseactan ath-nuadhachail a chur air bhog, gu bheil an griod làn.

Dhearbh SSE nach eil rùm ann ach airson phròiseactan 3.6 kilowatt, gus an tèid Càball a' Chuain Sgìth a chur an sàs, gus na h-Eileanan a cheangail ris a' Ghriod Nàiseanta air Tìr Mòr.

Tha cuideachd dragh ann nach bi an càball sin fhèin mòr gu leòr, is dùil ris ann an 2020.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil e gu math mì-thoilichte mun naidheachd.

Fiosrachadh ro-làimh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e truagh gu bheil SSE air tighinn chun na h-ìre seo, 's gu h-àraid truagh do dhaoine a th' air a bhith a' feuchainn ri pròiseactan beaga a chur air dòigh 's nach eil a' faighinn a' chothrom a-niste," thuirt e.

"Tha mi a' smaointinn nach deach mòran fiosrachaidh a-mach ro-làimh.

"Tha SSE ag ràdh nam biodh mòran fiosrachaidh air a bhith ann ro-làimh gum biodh mòran dhaoine air a dhol a-steach air a shon.

"Ach air a shon sin tha companaidhean beaga air a bheil mi eòlach air a bhith a' dèanamh obair air seo, agus iad am beachd ainmean a chur a-steach agus pròiseactan a chur air bhog, nach fhaigh an cothrom a-niste idir.

"Tha mi air iarraidh air SSE a dhol a bhruidhinn riutha, gu seachd-àraid an fheadhainn a bha a' feuchainn ri faighinn a-steach mus deach fios a thoirt dhaibh, gun onoraich iad sin.

"Ach cuideachd airson nan obraichean eile agus na pròiseactan eile a bhathar am beachd a chur a-steach cuideachd nach d' fhuair chun na h-ìre a bha sin.

"Tha seo ag innse trì rudan: gu bheil a' mhargaidh air faileachadh anns na h-Eileanan an Iar mar a tha e air a chur air bhog anns na rìoghachd a tha seo.

"Tha fhios againn an toiseach gu bheil daoine a tha a' ceannach dealain dha na taighean aca a' pàigheadh beagan a bharrachd. Tha fhios againn gu bheil daoine a tha a' cruthachadh dealain, agus gu h-àraid dealain ath-nuadhachail a' pàigheadh barrachd airson sin a chur air a' Ghriod.

"Agus a-niste tha sinn a' faicinn gu bheil e doirbh do dhaoine sin a dhèanamh aig ìre bhig, 's gu bheil an siostam ag obair nan aghaidh airson sin cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e crathadh a dh'fheumadh tachairt air mar a tha seo air a riaghladh anns an rìoghachd a tha seo.

"Agus cuideachd, chan eil mothachadh idir ann air na tha air a bhith a' cruthachadh anns na h-Eileanan agus na th' air a losgadh, mar gum biodh, no air a chosg, anns na h-Eileanan.

Siostam "briste"

"Tha mi air iarraidh air SSE figearan a thoirt dhomh, feuch dè tha na h-Eileanan a' cur a-mach 's a' tarraing a-steach de dhealan airson nam feumalachdan againn fhìn, ach cuideachd airson dealan ath-nuadhachail a chur ris a' Ghriod cuideachd," thuirt e.

Tha SSE a' bruidhinn an-dràsta air Càball a' Chuain Sgìth a chur an sàs ann an 2020, le comas 450 MW de dhealan a ghiùlain - meud a dh'fhaodadh a bhith ro bheag.

Tha Mgr MacNìll ag ràdh gum bu chòir cuideam a chur air SSE càball a tha mòr gu leòr a chur an sàs, ach tha e cuideachd ag ràdh gu bheil an siostam fo bheil a' chompanaidh ag obair briste.

"Dh'fheumadh barrachd chuideim a bhith air a chur orra. Ach tha an siostam - an dòigh-riaghlaidh - a th' aig an rìoghachd a tha seo ceàrr," thuirt e.

"Bha an aon seòrsa modail aca ann an gas o chionn 20 bliadhna, agus b' fheudar dhaibh sin a chur an dàrna taobh no bha daoine a' dol a bhith air an reothadh fad gheamhraidhean, agus gun dòigh aca air gas a tharraing a-steach à Lochlann.

"Tha an siostam a' faileachadh aig na h-oirean, agus sin far a bheil deuchainn de leithid seo de shiostam air fhaicinn. Mura bheil e ag obair dhuinne, tha rudeigin ceàrr air a' mhodal seo, aig bun a' mhodail, agus sin far am feum atharrachadh tighinn.

"Feumaidh sinn cuideam a chur orra gun teagamh, ach an rud a nì SSE, tionndaidh iad mun cuairt a ràdh nach eil na figearan 's nach eil am pàigheadh a' dol a bhith ann airson na h-obrach a nì iad.

"Mar sin feumaidh sinn a bhith a' faicinn gun tig atharrachadh air a' mhodal.

"Ach far a bheil mi mì-thoilichte le SSE, 's e gu bheil iad air am micro-generation seo a dhùnadh gu math sgiobalta, agus gun mòran fios a thoirt do dhaoine ro-làimh gun robh seo a' dol a thachairt," thuirt e.