Dàil air cùis mhuirt Bhreacais anns a' chùirt

càr polais
Image caption Bha Tormod Bruce 64 nuair a chaidh a mhurt.

Thàinig dàil air cùis mhuirt Bhreacais, a bha dùil tòiseachadh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diardaoin.

Tha Sandra NicAnndrais, à Baile Iain, fo chasaid gun do mhuirt i Tormod Bruce, a bha 64, ann am Breacais san Eilean Sgitheanach anns a' Ghearran an-uiridh.

Chaidh tri chasaidean a chur mu choinneimh Sandra NicAnndrais nuair a nochd i aig ro-èisteachd anns an Àrd-Chùirt aig toiseach na bliadhna.

Tha i fo chasaid gun do mhuirt i Tormod Bruce le bhith ga bhreabadh 's ga sgrìobadh, le bhith a' leum air a cheann agus a bhodhaig, agus gun do bhual i e gu donna mu cheann agus mu bhodhaig.

Tachdadh

Tha i cuideachd fo chasaid gu tug i iomadach ionnsaigh air Tormod Bruce bho thoiseach nan 1990an suas gu 2014, agus gun tug i ionnsaigh air fireannach eile, Anndra Bruce, nuair a dh'fheuch i ri a thachdadh.

Tha Sandra NicAnndrais a tha 61 a' dol às àicheadh nan casaidean.