Bòrd na Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Is ionnan fileantaich agus luchd-ionnsachaidh"

4 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig ag iarraidh atharrachaidh air an dòigh sa bheil sinn a' cunntadh luchd-cleachdaidh a' chànain.

Thuirt Ailean Dòmhnallach gu bheil e airson daoine aithneachadh mar luchd-cleachdaidh Gàidhlig ge bith dè an comas a th' aca innte.

'S thuirt e gu bheil e airson cur às dhan sgaradh eadar luchd-ionnsachaidh is fileantaich.

Chaidh Mgr Dòmhnallach ainmeachadh mar chathraiche an dèidh greis a thoirt na Leas-chathraiche agus an uair sin na chathraiche eadar-amail.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.