Mucan-mara air gluasad
- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais, British Divers Marine Life Rescue, a' cumail sùil an-dràsta air sia mhucan-mara far cladaich an Eilein Sgitheanaich aig an Dùnan beagan tuath air an Ath Leathann.
Tha seo an dèidh do chòrr 's 20 dhiubh a dhol air tìr ann an ceann a tuath an eilein aig toiseach na seachdain.
Bhàsaich naoi dhiubh sin.
Ged a tha i a' traghadh an-dràsta, thuirt fear-labhairt gu bheil na mucan-mara ann an doimhneachd uisge gu leòr 'son an cumail air bhog.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 2 An t-Ògmhios 2015