Noro-bhìoras aig Ospadal nan Eilean

Chaidh uard aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dhùnadh do dh'euslaintich ùra agus luchd-tadhail, agus noro-bhìoras air nochdadh ann.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh "àireamh bheag de dh'euslaintich agus luchd-obrach" air a bhith a' fulang leis a' bhuinnich agus dìobhairt.

Thathas ag iarraidh air luchd-tadhail dha pàirtean eile den ospadal an làmhan a ghlanadh gu h-iomlan mus tadhail iad, agus an dèidh dhaibh tadhail.

Cha bu chòir do dhuine sam bith a th' air a bhith leis a' bhuinnich no air a bhith a' dìobhairt san dà là mu dheireadh tadhail air an ospadal idir.