Airgead ga shireadh airson Rathad an t-Sròim
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba 's iad a' sireadh airgid airson Rathad an t-Sròim air taobh siar Rois a leasachadh.
Tha an rathad air a bhith dùinte grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh às dèidh do chreagan a thighinn a-nuas air.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe gur e Comhairle na Gàidhealtachd fhèin a dh'fheumas pàigheadh airson an rathad a leasachadh.
Roghainnean
Tha dà roghainn a-nis air beulaibh na Comhairle - drochaid thairis air Caolas an t-Sròim neo rathad ùr tro Ghleann Udalan.
Tha a' Chomhairle air £10m a chur a dhara taobh airson an rathad a leasachadh ach cha deach aca air an còrr den airgead a bhios a dhìth a lorg fhathast.
Tha iad a-nis a' sireadh coinneimh le Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Donnchadh Feargasdan, a bha roimhe na cheannard air Àrd-sgoil a' Phluic agus a tha a' fuireach anns an Achadh Mhòr, gum bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba obrachadh còmhla air suidheachadh a tha cho deatamach dhan choimhearsnachd sin.
Thuirt e gun robh staid an rathaid gu h-àraid na adhbhar uallaich leis gur ann air an rathad sin a tha clann gan toirt dhan sgoil.
A thuilleadh air cho cudromach 's a tha an rathad do mhuinntir an àite, tha e cuideachd tric air a chleachdadh le luchd-turais, agus tha Mgr Feargasdan ag ràdh gum feumar fuasgladh maireannach a lorg.
"Bidh sinn a' sùileachadh gum bi a' Chomhairle a' putadh gu mòr gus am faigh sinn adhartas ceart air an seo," thuirt e.
Thuirt Cathraiche Chomataidh Dealbhachaidh agus Bun-structair Chomhairle na Gàidhealtachd, Tòmas Prag, gum bi iad a' dèanamh tuilleadh sgrùdaidh air an dà roghainn a tha fhathast mun coinneimh, agus a' feuchainn ri airgead a chomharrachadh airson am pròiseact a thoirt air adhart.
Dh'aontaich Comhairlichean Diciadain nach eil ach dà roghainn ann - drochaid thairis air Caolas an t-Sròim, neo rathad ùr tro Ghleann Udalan. Ach, tha iad ag ràdh gum feumadh iad dòigh gu math nas saoire a lorg air an dèanamh, mar a tha cùisean an-dràsta.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 28 An Cèitean 2015
- 11 An t-Samhain 2014
- 3 An t-Samhain 2014