175 bliadhna gus rathaidean a chàradh

Toll san rathad
Image caption Tha còrr is 4,000 mìle de rathaidean ris a bheil Comhairle na Gàidhealtachd an urra.

Bheireadh e 175 bliadhna rathaidean na Gàidhealtachd a chàradh aig an ìre aig a bheil an obair ga dèanamh an-dràsta, a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Tha Cathraiche Comataidh na Seirbheisean Coimhearsnachd, Graham MacCoinnich, ag ràdh ge-tà gu bheil adhartas ga dhèanamh a thaobh nan rathaidean agus an t-ùghdarras air pròiseact ùr a chur air bhonn le Comhairle Mhoireibh.

Tha corr 's 4,000 mìle de rathaidean air feadh Roinn na Gàidhealtachd, agus tha mòran san sgìre a' gearain air an droch staid sa bheil iad.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh oidhirp an càradh ge-tà, agus iad air inneal ris an canar an "jetpatcher" a cheannach, còmhla ri Comhairle Mhoireibh.

Bidh an t-inneal a' sèideadh an t-salachair a-mach às na tuill, agus gan lìonadh le teàrr a tha an uair sin ga bhruthadh a-steach.

Thuirt an Comh. MacCoinnich gu bheil an t-inneal seo air soirbheachadh gu mòr, agus gun cùm iad orra ga chur gu feum.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gun toireadh e 175 bliadhna dhaibh na rathaidean a thoirt gu ìre, agus gun cosgadh sin £150m.

Thuirt e nach eil sgillinn a bharrachd aig a' Chomhairle airson a chur a dh'ionnsaigh nan rathaidean.