Dragh mu aiseagan Thiriodh

Tha muinntir Thiriodh air dragh a thogail le Caledonian Mac a' Bhriuthainn mu cho làn 's a tha aiseagan an eilein.

Bha iad a' toirt seachad am beachdan mar phàirt de cho-chomhairleachadh phoblach a tha Cal Mac a' ruith, mus dèan iad tagradh airson cùmhant ùr nan seirbheisean aiseig a thòisicheas an ath-bhliadhna.

Ghearain na nochd aig coinneimh oidhche Dhiardaoin gu bheil an t-aiseag ro bheag, agus nach eil i a' seòladh tric gu leòr.

Aiseagan làn

Chualas cuideachd nach eil ach dà sheirbheis ann eadar toiseach an Iuchair agus meadhan an Lùnasdail aig an deireadh-sheachdain air an gabh àite a chur air dòigh do charbad fhathast.

Tha feadhainn a tha a' ruith ghnìomhachasan turasachd ann an Tiriodh ag ràdh gu bheil suidheachadh nan aiseagan a' dèanamh call orra-san.

Chaidh moladh cuideachd gun cuireadh Cal Mac seirbheis ùr air dòigh air an oidhche airson bathar a thoirt chun an eilein.

Tha Cal Mac a' gealltainn am fiosrachadh a chruinnicheas iad tron cho-chomhairleachadh seo a chur gu feum anns an tagradh aca airson a' chùmhnant ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile