Tubaist-rathaid mhairbhteach an Leòdhas

Chaidh fireannach a bhàsaich ann an tubaist-rathaid ann an Leòdhas air an deireadh-sheachdain ainmeachadh.

Thuirt na Poilis gun robh Aonghas Sisealach, 42, a' fuireach an Càrlabhagh.

Bha e air motor-baidhsagail nuair a thachair an tubaist mu 1:30f Disathairne.

Thachair an tubaist faisg air ceann-rathad Bhrù.