Càball eile do dh'Uibhist?
- Air fhoillseachadh

Chaidh dragh a thogail ann an Uibhist nach fhaigh an sgìre buannachd sam bith à Càball a' Chuain Sgìth mura faigh na h-eileanan a deas ceangal làidir ris.
Dh'innis SSE an t-seachdain seo chaidh nach gabh ach pròiseactan beaga ath-nuadhachail ceangal ris a' ghriod aig an ìre seo, leis gu bheil an lìonra sna h-Eileanan Siar gu bhith làn.
Thog a' chompanaidh cuideachd teagamh co-dhiù bi Càball a' Chuain Sgìth fhèin, a tha deatamach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan, mòr gu leòr mu choinneimh an iarrtais a bhios ann.
Thuirt an Comh. Raghnall MacFhionnghain ann an Uibhist gu bheil uimhir de chnapan-starra air leasachadh chumhachd ath-nuadhachail san sgìre 's gur ann air èiginn a gheibh i buannachd às a' Chàball nuair a thig e.
Teannachadh
"Tha mise air faighneachd mar thà roimhe seo dè feum a tha e a' dol a dhèanamh do dh'Uibhist?" thuirt an Comh. MacFhionnghain.
"Chan eil sgeamaichean mòra againn an Uibhist, ach tha iad sin fhèin air an dùnadh sìos.
"Ged a dh'iarrainn-sa fear a chur suas a-màireach aig an taigh, chan fhaigh mi air sin a dhèanamh.
"Ach an Leòdhas tha planaichean mòra aca airson tòrr mòr a dhol suas.
"Tha fhios agam gu bheil a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iadsan a' faighinn airgead a-mach às na pròiseactan sin, 's gum bi sin air a chur air feadh nan Eileanan.
"Ach chan eil sin a' dèanamh sian de dh'fheum dha na h-Uibhistean.
"Tha na h-Uibhistean a' feuchainn iad fhèin ri rudan a chur air aghaidh, 's airgead a dhèanamh dhaibh fhèin.
"Tha mi an dòchas gun tèid Càball a' Chuain Sgìth air aghaidh. Chan eil mi an aghaidh sin idir.
"Nan cuireadh iad càball o na Hearadh a-nall dhan cheann a tuath, no far a bheil e a' dol a thighinn a Leòdhas co-dhiù, càball eile a chur a-nall a dh'Uibhist los gum faigh sinne air rud a dhèanamh dhuinn fhèin.
"Chan e a-mhàin nach eil càball againn. Chan urrainn dhuinn sian a dhèanamh, eadar an MoD, na SPAs, MPAs, Talamh Fiadhaich, tha sinn air ar teannachadh 's a tha a h-uile duine ag obair nar n-aghaidh.
"Tha mise air seo a thogail mar thà aig a' Chomhairle, agus 's e an aon fhreagairt a fhuair mi air ais, gu bheil a' Chomhairle air sgeama a chur air aghaidh leis na pròiseactan mòra a th' aca, gum faigh a' Chomhairle airgead 's gum feuch iad ri sin a chur air feadh nan Eileanan air fad.
"Ach cha dèan sin sian de dh'fheum dhuinne. Bidh a' chuid as motha dheth air a chosg an Leòdhas is na Hearadh mus ruig e sinne.
"Tha sinn air sin fhaicinn mar thà. Tha tòrr de rudan a dhìth air na h-Uibhistean. Goireasan nach eil aca ach a tha aca ann an Leòdhas," thuirt e.