AJG ga cheannach

Parsail Image copyright Thinkstock
Image caption Thòisich a' chompanaidh bho chionn 20 bliadhna ann an Inbhir Nis.

Chaidh a' chompanaidh pharsailean AJG, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, a cheannach leis a' chompanaidh Menzies Distribution.

Dh'fhàs AJG bho a bhith a' frithealadh 20 pacaidean san là o chionn 20 bliadhna, gu bhith a' lìbhrigeadh 9,000 parsail, agus a' togail 800 gach là.

Tha 140 duine ag obair don chompanaidh, agus tha còrr is 100 carbad aca le uidheamachd GPS.

A thuilleadh air an ionad aca ann an Inbhir Nis, tha ionadan aca ann an Linwood faisg air Glaschu, ann an Dùn Omhain, Ceann Loch Gilp, san Òban agus sa Ghearasdan, agus bidh iad a' frithealadh ceann a tuath Tìr-Mòr, na h-Eileanan Siar agus Arcaibh.

Thuirt Àrd-Stiùiriche Menzies Distribution, Forsyth Black: "'S e ceum cudromach air ar slighe a dh'ionnsaigh a bhith a' togail air ar gnìomhachas sgaoilidh phàipearan-naidheachd agus irisean a th' ann a bhith a' ceannach AJG.

"Tha e gu sònraichte cudromach leis gu bheil e a' toirt dhuinn cothrom pàirt a ghabhail ann am margaidh an fhrithealaidh pharsailean, a tha a' fàs gu mòr."