Albannach aig 109

Rene Chapman
Image caption Rugadh Rene Chapman ann an Twickenham ann an 1906.

Tha an neach as sine an Alba air 109 bliadhna de dh'aois a ruighinn.

Rugadh Rene Chapman ann an Twickenham ann an 1906, agus tha i air a bhith a' fuireach an Alba o chionn iomadh bliadhna, o chaidh i a dh'fhuireach a Dhrochaid an Aonachain le caraidean.

Fhuair i càirt on Bhànrigh, agus thadhail caraidean à Dorset air an dachaigh-chùram sa bheil i a' fuireach, a th' air a ruith le Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha coin air a bhith nam pàirt cudromach de a beatha, agus bha piathaid liath Afraganach aice cuideachd, nuair a bha i na nighean.

"Bhiodh e ag èisteachd rinn nuair a bha sinn nar cloinn, 's ag ràdh "ta-ta dada!"

"Bha Pekinese agam cuideachd, agus abhag, a thuilleadh air cait agus luchagan. Bhithinn a' taisbeanadh nan con."

Thuirt i gur e an dòigh a bh' ann beatha fhada a bhith agad: "Daoine a bhith a' coimhead às do dhèidh gu math, saoilidh mi. Chan eil fhios agam a bheil cleas ann."

Rinneadh cèic dhi airson a cola-breith air chumadh choin Pekinese, an t-seòrsa as fheàrr leatha.

Thuirt Elaine Mead, bho NHS na Gàidhealtachd: "Tha clach-mhìle Rene nas iongantaiche buileach nuair a smaoinicheas tu, nuair a rugadh i, nach robh itealan riamh air sgèith san Roinn Eòrpa, bha San Fransisco na laighe na sprùilleach an dèidh crith-thalmhainn uabhasaich, agus bha cunntas-sluaigh air dearbhadh gun robh an còigeamh cuid de mhac-an-duine fo riaghladh Bhreatainn."