Dòchas gum bi cùisean nas rèidhe aig Sgoil Lìonacleit

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Lìonacleit
Fo-thiotal an deilbh,
Bha buaireadh ann an t-seachdain a chaidh, nuair a dh'iarr grunn de na sgoilearan air an t-siathamh bliadhna cead an sgoil fhàgail.

Chuala coinneamh ann an Uibhist Oidhche Luain gu bheil dòchas ann gun tèid aig sgoilearan agus luchd-teagaisg aig Sgoil Lìonacleit air gluasad air adhart còmhla le conaltradh nas fheàrr agus co-obrachadh.

Bha buaireadh ann an t-seachdain a chaidh, nuair a dh'iarr grunn de na sgoilearan air an t-siathamh bliadhna cead an sgoil fhàgail.

Cha robh na sgoilearan airson fàgail, ach bha iad am beachd gur e seo an aon dòigh air am faigheadh iad èisteachd a thaobh nan cuspairean a bha gan tabhainn agus mar a bha tidsearan a' dèiligeadh leotha.

Aig a' choinneimh, aig an robh mu 50 duine an làthair, dh'aontaich ceannardan na sgoile gun gabhadh dèiligeadh ri cuid de rudan ann an dòigh nas fheàrr.

Thuirt Cathraiche Comhairle nam Pàrantan, Howard Warner, gum bi conaltradh anabarrach cudromach nuair a thig e gu bhith a' gluasad air adhart.