Ann Widdecombe a' dol gu fèis
- Air fhoillseachadh

Bhruidhnidh Ann Widdecombe mu a beatha air falbh bho phoileataigs agus mar a chaidh i air prògraman telebhisein samhail Strictly Come Dancing agus Doctor Who.
Bidh Ann Widdecombe, a bha na Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, aig Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narann.
Bhruidhnidh i mu a beatha air falbh bho phoileataigs agus mar a chaidh i air prògraman telebhisein samhail Strictly Come Dancing agus Doctor Who.
Bidh Ronnie Browne bho na Corries agus na h-ùghdarran Christopher Brookmyre agus Lesley Riddoch cuideachd aig an fhèis.
Bidh an fhèis ann eadar 1-6 an t-Sultain.
Tha i air a bhith a' dol 12 bliadhna a-nis.