Airgead mòr ga chosg air luchd-obrach slàinte sealadach

Chosg NHS na Gàidhealtachd barrachd air luchd-obrach sealadach na gin de bhùird-shlàinte eile thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Chuir iad a-mach £9.8m orra.

Bha NHS Lodainn anns an dàrna àite, is iad air £3.8m a chosg.

Bidh nurs a th' air ùr thòiseachadh a' faighinn mu £12 anns an uair, ach tha luchd-obrach sealadach nas cosgaile.

Rabhadh

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba air draghan a thogail mu thràth mu na thathas air a bhith a' cosg air luchd-obrach sealadach air Ghàidhealtachd, agus thuirt iad gur e sin pàirt den adhbhar a bha am bòrd-slàinte feumach air iasad èiginneach bho Riaghaltas na h-Alba anns a' Mhàrt 2014.

A dh'aindheoin sin, chaidh na bha am bòrd a' cosg air luchd-obrach sealadach am meud timcheall air £200,000 an-uiridh - gu £9.8m uile gu lèir.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach a' mhòr-chuid den airgead gu dotairean locum, is iad ag ràdh gu bheil e duilich dhaibh dotairean fhastadh agus a chumail.

Ach, tha iad ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ris na tha iad a' cosg air luchd-obrach sealadach a ghearradh.