Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

FIFA

Tha FIFA air dàil rè ùine a chur air a' phròiseas thagraidh airson Cupa na Cruinne ann an 2026, ri linn an sgainneil choirbteachd a tha a' cuairteachadh farpaisean eile. Bha dùil gun deadh co-dhùnadh a dhèanamh air an fharpais seo aig còmhdhail FIFA ann am Mailèisia ann an 2016. A' bruidhinn san Ruis, thuirt Àrd-Rùnaire FIFA, Jerome Valcke, gum feumadh Cupa na Cruinne a dhìon bho chasaidean coirbteachd.

Cùmhnant nan Aiseagan

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air fiachadh a thoirt do dhà chompanaidh tagradh airson a bhith a' ruith sheirbheisean aiseig a' chosta an iar. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gum bi Aiseagan Chal Mac Eta, agus Aiseagan Serco Caledonian Eta, a' farpais airson a' chùmhnant ùir ochd bliadhna a bhios a' rutih on Damhair 2016. Feumaidh na tagraidhean deireannach a bhith a-staigh ron Dùbhlachd, agus tha dùil gun tèid innse anns a' Chèitean an ath-bhliadhna cò bhuannaich.

Seumas Last

Chaidh fhoillseachadh o chionn beagan mhionaidean gun do chaochail an neach-ciùil ainmeil Seumas Last na dhachaigh ann am Florida. Bha e 86. Thairis air na bliadhnaichean reic e na milleanan chlàraidhean, agus aig aon àm bha e tric ri fhaicinn air prògraman telebhisein ann am Breatainn.

Dachaighean

Bu chòir 23,000 dachaigh a thèid a reic aig prìs reusanta a thogail ann an Alba gach bliadhna, a rèir choimisein neo-eisimeilich a chaidh a chur air chois leis a' bhuidhinn charthannais Shelter. Ann an aithisg ùir tha an coimisean ag ràdh gum feumar ceumannan radaigeach a ghabhail airson buaidh a thoirt air bochdainn gus neo-ionnanas ann an Alba. Thuirt an Rùnaire airson Choimhearsnachdan agus Ceartais Shòisealta, Ailig Neil, gun tèid 30,000 dachaigh shòisealta a thogail ann an Alba ro dheireadh na Pàrlamaid seo.

Nighean a dhìth

Thuirt Poilis Ghlaschu gu bheil iad a' fàs an-fhoiseil mu dè th' air èirigh do nighean òig a th' air a bhith a dhìth bho a dachaigh airson ceithir là. Chaidh Brogan Mearns, aois 13, fhaicinn mu dheireadh feasgar Disathairne 's i a' fàgail taigh a h-athar ann an sgìre Castlemilk. Tha i 5' 4", le sùilean gorma agus falt dubh sìos gu a gualain. Nuair a chaidh a faicinn mu dheireadh bha briogais denim oirre agus hudaidh purpaidh. Thuirt oifigearan gu bheil Brogan air a dhol a dhìth rona seo, ach gu bheil iad air leth draghail mu a deidhinn seach gu bheil i cho òg.

Port Ghlaschu

Chaidh tè a chur an grèim ann an co-cheangal ri bàs bhoireannaich ann am Port Ghlaschu tràth madainn an-dè. Chaidh na Poilis a ghairm gu tachartas air Glen Avenue anns a' bhaile goirid às dèidh meadhan-oidhche, far an d' fhuaireas boireannach aois 63, agus i air a droch ghoirteachadh ann an clabhsa. Chaidh a toirt dhan ospadal, far an do chaochail i. Tha dùil gun nochd boireannach aois 33 ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Grianaig an-diugh fhathast.

Sonas

Agus a rèir rannsachaidh ùir 's iad boireannaich nas sine na 65 a tha a' fuireach air a' Ghàidhealtachd na daoine as àighich ann an Alba. Tha an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh le Banca na h-Alba, a' sealltainn sa chumantas gu bheil boireannaich nas sunndaiche na fireannaich, agus gur iad Albannaich eadar 18 agus 24 a' bhuidheann as truaighe anns an dùthaich.