Ceannard do Bhun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar

An Gearasdan Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Fosglaidh an sgoil ùr, a tha ga togail an-dràsta, san Lùnastal.

Chaidh ceannard sgoile ainmeachadh do Bhun-sgoil Ghàidhlig ùr Loch Abar.

Tòisichidh Iain Iòsaph MacNèill, - no "John Joe" mar as fheàrr a dh'aithnichear e - à Barraigh, anns an dreuchd air an ath-theirm-sgoile.

Tha an togalach, air Rathad Àird Dhobhair, ga ullachadh an-dràsta.

Bidh ceithir seòmraichean teagaisg anns an sgoil an toiseachd, le rùm ann airson sin a dhùblachadh an ceann ùine.

Tha Mgr MacNèill an-dràsta a' teagaisg ann am Bun-Sgoil Achadh na Creige san Òban, agus roimhe sin bha e a' teagaisg ann am Bun-Sgoil Bheinn Chamshroin ann an Cille Bhrìghde an Ear.

Mus deach e na thidsear, bha e ag obair na mhanaidsear air taighean-òsta, ann am bancaichean, agus ann an cunntasachd.

Bidh goireasan coimhearsnachd an lùib na sgoile ùire cuideachd, agus bidh i a' fosgladh san Lùnastal.