Cùis mhùirt Bhreacais sa chùirt

Nochd boireannach air beulaibh na h-Àrd-Chùirte ann an Glaschu fo chasaid gun do mhuirt i an duine aice san Eilean Sgitheanach sa Ghearran an-uiridh.

Tha Sandra Bruce, 61, cuideachd fo chasaid gun tug i ionnsaighean air Tormod Bruce eadar 1991 agus 2014, agus aig aon àm gun do rinn i oidhirp air a thachdadh.

Tha i a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir.

Thuirt mac Thormoid bho phòsadh eile, Anndra Bruce, 37, a nochd sa chùirt mar a' chiad fhianaise, gun robh e den bheachd gun robh Sandra Bruce air droch bhuaidh a thoirt air beatha athar.

Thuirt e gun do dh'fhàg athair a' bhean aige - màthair Anndra - ann an 1990, nuair a bha e mu 12 bliadhna de dh'aois.

Thuirt e gun deach Tormod Bruce a dh'fhuireach dhan Eilean Sgitheanach ann an 1991 no 1992, agus nach robh a mhac 's an nighean aige, a tha nas òige, air tadhail air ach turas no dhà.

Thuirt Anndra Bruce gun tug Sandra Bruce - Sandra NicAnndrais aig an àm - ionnsaigh air san leabaidh aige an dàrna turas a thadhail an dithis chloinne.

Tha a' chùis a' leantainn.