Gearain mu Vodafone anns an Eilean Sgitheanach

Sgrìobhaidh fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gu Àrd-Oifigear Vodafone a ghearain mun t-seirbheis a tha a' chompanaidh a' cumail ri muinntir an eilein.

Tha trioblaid air a bhith ann leis an t-seirbheis airson grunn sheachdainnean le bristeadh air an loidhne, agus an t-seirbheis ga call buileach glan airson ceithir là.

Thuirt an Comh. Hamish Friseal: "Anns na seachdainnean a th' air a dhol seachad, tha an t-seirbheis air a bhith suas is sìos agus uaireanan a' falbh".

Vodafone "duilich"

Thuirt Vodafone gu bheil fios aca gu bheil trioblaidean ann leis an t-seirbheis gu h-ionadail, 's gu bheil iad duilich mun bhuaidh a tha seo a' toirt air an luchd-cleachdaidh aca.

Bha innleadairean anns an eilean Dimàirt a' dèanamh dheuchainnean gus feuchainn ris an t-seirbheis a chàradh.

Thuirt Vodafone gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill an t-seirbheis a thilleadh dhan sgìre.

Bha an Comhairliche Friseal ag ràdh ge-tà, gu bheil Vodafone air a bhith a' cantainn airson faisg air bliadhna gu bheil fios aca mu na trioblaidean.