Foghlam am Barraigh fon phrosbaig

Chuala pàrantan ann am Barraigh Oidhche Mhàirt mu phlanaichean Chomhairle nan Eilean Siar airson sgoiltean an eilein.

Thathas a' coimhead air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ùrachadh, no sgoil ùr a thogail na h-àite.

Tha a' Chomhairle airson faighinn a-mach dè an t-seòrsa sgoile a bu fhreagarraiche dhan choimhearsnachd.

Tha seo a' tighinn aig àm far a bheil connspaid a' cuairteachadh foghlaim sna h-eileanan mu dheas agus gearainnean ann mu ghainnead thidsearan, am measg eile.

Thuirt an Comh. Dòmhnall Manford nach eil teagamh sam bith ann gur e sgoil ùr a b' fheàrr le muinntir Bharraigh na bhith ag ùrachadh Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

A thaobh cion thidsearan, bha Mgr Manford ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn gu bheilear "a' gluasad airson faochadh fhaighinn agus faighinn os a chionn."