Faraidhean adhair gan càineadh

Itealan Flybe
Image caption Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil e na amas dhan bhuidhinn Ar n-Eileanan ri Teachd faraidhean a ghearradh.

Chuir comhairlean nan Eilean Siar, Shealtainn agus Arcaibh an taic ri iomairt air-loidhne a tha a' gearain mu cho cosgail 's a tha faraidhean adhair nan eilean.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil faraidhean nas saoire aig a' chompanaidh a tha a' frithealadh na slighe dhan Algarve na th' aca a Steòrnabhagh.

Chuir còrr air 11,000 duine taic ris an iomairt air-loidhne,

Tha Loganair, a tha a' sgèith nan slighean eileanach do Flybe, air a bhith a' dìon an cuid phrìsean.

Lasachadh

Thuirt iad gum faigh clann, oileanaich, daoine a tha a' tadhail air euslaintich anns an ospadal agus eileanaich lasachadh.

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil e na amas dhan bhuidhinn Ar n-Eileanan ri Teachd faraidhean a ghearradh.

Bha e ag ràdh: "Tha grunnan eileanach a' faighneachd carson a tha faraidhean cho àrd.

"Mar eisimpleir, chunnaic mi air làrach Flybe gun cosgadh e £351 a dhol eadar Steòrnabhagh is Glaschu Diciadain agus a' tilleadh Diardaoin.

Faro

"Beagan làithean às dèidh sinn, gheibh duine à Obar Dheathain a Faro ann am Portugal airson dìreach £21 a bharrachd leis an aon chompanaidh."

Thuirt Loganair gu bheil prìsean ag atharrachadh bho là gu là, agus aig diofar amannan den bhliadhna.

Bha neach-labhairt ag ràdh: "Tha ticeadan a thèid a cheannach faisg air an àm a bhios daoine a' siubhail nas daoire anns a' chumantas. Tha an aon rud a' tachairt leis a' mhòr-chuid de chompanaidhean adhair.

"S e Loganair tè de na companaidhean mu dheireadh a tha a' toirt lasachaidh de 33% do chloinn. Tha lasachadh againn airson oileanaich agus airson daoine a tha a' tadhail air càirdean a th' anns an ospadal.

Le Sgeama Faraidhean Adhair Saora Riaghaltas na h-Alba, gheibh eileanaich lasachadh de 40%, ma dh'fhàgas tu a-mach cosgaisean puirt-adhair agus Cìs an Luchd-siubhail Adhair.