Duine an grèim co-cheangailte ri ionnsaigh dhrabasta

Dhearbh Poilis na h-Alba gun deach fireannach 29 bliadhna a dh'aois a chur an grèim co-cheangailte ri ionnsaigh dhrabasta an Inbhir Nis na bu tràithe an t-seachdain-sa.

Chaidh ionnsaigh a thoirt air boireannach faisg air Eileanan Abhainn Nis sa bhaile beagan ro naoi uairean Oidhche Luain.

Tha dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis Diardaoin.