Togail do thurasachd
- Air fhoillseachadh

Thathas an dòchas gun tig buannachd do thurasachd goilf anns na h-Eileanan an Iar à turas sgrìobhadair Ameireaganaich an ath-sheachdain.
Cluichidh Tom Coyne raointean-goilf Bharraigh, Àsgarnais agus na Hearadh airson leabhar a tha e a' sgrìobhadh mu ghoilf ann an Alba.
Thuirt Manaidsear Eileanan VisitScotland, Ailean MacCoinnich: "Tha sinne air cuideachadh a thoirt dha airson cosgaisean a choinneachadh airson a bhith a' tighinn a dh'Alba agus airson treòireachadh a thoirt dha, agus tha sinn a' meas gu bheil seo a' dol a dhèanamh feum mhòr do thurasachd agus gu h-àraid airson nan eilean.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo a' dol a dhèanamh fàbhar mhòr dhuinn airson an toirt gu follais na raointean-goilf a th' againn anns na Hearadh, ann am Barraigh agus ann an Uibhist, is gu h-àraid Àsgarnais a bh' air a stèidheachadh leis an t-Seann Tom Morris, a tha iomraiteach air feadh an t-saoghail airson na raointean-goilf a suidhich e."
'S e 'A Course Called the Kingdom: in Search of Scotland, a Secret and a Jug' an t-ainm a bhios air an leabhar aig Tom Coyne.
Tha e na ùghdar agus na fhear-naidheachd agus tha e air mòran leabhraichean a reic thairis air na bliadhnaichean.
Cluichidh e air còrr air ceud de raointean-goilf na h-Alba ann an dìreach 57 latha.
Bha Mgr Coyne ag ràdh gu bheil e a' coimhead air adhart ris an turas aige dha na h-eileanan, is e ag ràdh gu bheil deagh ainm aig an sgìre airson raointean-goilf agus na seallaidhean brèagha a tha timcheall orra.