Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teàrlach Ceanadach

Thèid an tòrradh aig Teàrlach Ceanadach a chumail ann an Caol a' Ghearasdain an-diugh. Tha dùil ris na ceudan aig aifreann an tòrraidh ann an Eaglais Naoimh Eòin aig meadhan-latha. Thèid seirbheis chuimhneachaidh a chumail aig Oilthigh Ghaschu Diardaoin an ath-sheachdain, le dùil gun tèid seirbheis eile a chumail ann an Lùchairt Westminster.

Mt Kinabalu

Tha tè à Sasainn agus triùir luchd-turais eile a thog dealbhan dhiubh fhèin is iad leth-rùisgte air beinn naomh ann am Malaysia air aideachadh ri casaidean gun robh iad ri dol-a-mach mì-thlachdmhor. Dh'fhaodadh gun tèid binn trì mìosan sa phrìosan a chur air Eleanor Hawkins agus a companaich. Bha ministear roinneal ann am Borneo air na luchd-turais a choireachadh airson crith-thalmhainn air Mt Kinabalu anns an do chaill ochd duine deug am beatha.

Save the Children

Tha Riaghaltas Phacastan air innse don bhuidheann carthannas, Save The Children, gum feum iad an dùthaich fhàgail. Thuirt ministear Pacastanach nach robh iad ag iarraidh carthannasan a bha ag obair an aghaidh maith na stàit. Bha casaidean gan tilgeil air Save the Children gun do chuidich iad an CIA le a bhith a' faighinn lorg air Osama bin Laden le a bhith a ruith prògram banachdach fuadain.

Gràin

Thàinig lùghdachadh beag air an àireamh de dhaoine a chaidh a chur fo chasaid fo reachdas connspaideach airson smachd fhaighinn air gràin-creideimh co-cheangailte ri ball-coise. Anns a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt, chaidh casaid a chur as leth 193 duine - lùghdachadh de 6% air a' bhliadhna roimhe sin. Dhen fheadhainn a bha fo chasaid - bha 30% a leantainn Rangers, 16% a' cur taic ri Obar Dheathain le 10% a' leantainn Celtic. Bha 16% de na casaidean gu lèir co-cheangailte ri gèam eadar Dundee United agus Obar Dheathain anns an Dùbhlachd.

CalMac

Dh'iarr iar-chathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan - air Raghaltas na h-Alba làmh a ghabhail san eas-aonta eadar Caladonian Mac a' Bhruthainn agus an t-aonadh an RMT. Bhòt buill an aonaidh airson a dhol air stailc, 's iad mì-thoilichte mu pheinnseanan, tèarainteachd obrach agus modhan obrach aig CalMac. Tha a' chompanaidh aiseig ag ràdh gu bheil iad airson tuilleadh chòmhraidhean a chumail leis an RMT ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air cùisean.

NHS na Gàidhealtachd

Chuir NHS na Gàidhealtachd iomairt air chois airson stad a chur air droch pharcadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil iad air grunn ghearainean fhaighinn mu dhràibhearan a tha a' cleachdadh àiteachan a th' air an comharrachadh airson ciorramaich, agus a tha a' fàgail nan caraichean ann an àiteachan a tha a' cur bacadh air daoine bho a bhith a faighinn a-mach à pàirc chàraichean an ospadail.