Taic ministeir air iarraidh a thaobh buaireadh ChalMac

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Bhòt 82% de luchd-obrach Chal Mac, a tha buill san RMT son stailc.

Chaidh iarraidh air Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh, a dhol an-sàs san eas-aonta eadar aonadh an RMT agus CalMac.

Bhòt 82% de luchd-obrach ChalMac, a tha nam buill dhan aonadh, airson a dhol air stailc 's iad mì-thoilichte mu ìrean-pàigheadh, cùmhnantan obrach agus tèarainteachd obraichean.

Bha 88% dhen luchd-obrach deònach a dhol an sàs ann an iomairt obrach goirid air stailc.

Tha Iar-chathraiche Comataidh Comhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, airson 's gun dèan Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail na h-Alba a h-uile oidhirp air stailc a sheachnadh.

"Se suidheachadh gu math doirbh a th'ann.

"Dh'fhaodadh e cron mòr a dhèanamh air an eilean, agus bi buaidh mhòr aige òirnn uile mar eileanaich.

"Tha ar beatha làitheil sna h-eileanan a' crochadh air seirbheisean aiseig," thuirt Mgr Robasdan.

Còmhraidhean

Tha an Comh. Robasdan dhan bheachd gu feum Còmhdhail na h-Alba agus am ministear a dhol an sàs sa chùis.

Dh'iarr e air orra bruidhinn ris an RMT agus CalMac agus an t-eas-aonta a rèiteach.

"Feumar, air sgàth nan eilean fhèin agus na h-econamaidh againn, tha sin cudthromach cuideachd, feumar tighinn gu aonta leis a seo san aithghearrachd, agus tha mi an dòchas gun tachair sin," thuirt Mgr Robasdan.

Tha an RMT ag ràdh gun do ràinig cùisean ìre far nach robh roghainn aca ach baileat a chumail am measg nam ball aca.

Thuirt rùnaire an aonaidh, Mick Cash, gu robh buil na bhòt gu math soilleir, ach gum biodh iad deònach fhathast a dhol an sàs ann an còmhraidhean a dh'fhaodadh an t-eas-aonta a thoirt gu ceann.

Ann am brath-naidheachd, thuirt CalMac gu robh iad ag aithneachadh gu robh duilgheadasan aig an luchd-obrach aca, ach gu robh e ro thràth fhathast, nam beachd-san, a bhith a' bruidhinn air stailc neo iomairt obrach.

Ma thig e gu stailc, dh'fhaodadh sin troimhe-chèile mhòr adhbharachadh do luchd-siubhail air feadh a' chost an iar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile