Teàrlach Ceanadach: chaidh an t-adhlacadh a chumail

Image copyright Getty Images
Image caption Teàrlach Ceanadach, a bhàsaich air 1mh dhen Òg-mhìos aig 55.

Bha an t-adhlacadh aig seann cheannard nan Lib Deamach Teàrlach Ceanadach ann Dihaoine faisg air a dhachaigh ann an Loch Abar.

Bha aifreann ann an Eaglais Chaitigeach an Naoimh Eòin ann an Caol a' Ghearasdain agus chaidhear às an sin a dh'Achadh na Cairidh.

Bha an teaghlach, caraidean agus daoine bho shaoghal na poileataics aig an t-seirbheis.

Bhàsaich Mgr Ceanadach na dhachaigh anns a' Ghearasdan air an 1mh dhen Òg-Mhìos aig aois 55.

Dh'fhulaing e ruith-fala mhòr a chaidh adhbharachadh le deoch-làidir.

Bha e na bhall pàrlamaid airson 32 bliadhna agus na cheannard air na Lib Deamaich airson còrr air sia bliadhna.

Fhuair am pàrtaidh 62 suidheachan fo stiùir a' Cheanadaich ann an 2005 - an àireamh as motha a-riamh dhaibh - ach leig e dheth a dhreuchd ochd mìosan às dèidh an taghaidh às dèidh dha innse gun robh e air cuideachadh fhaighinn co-cheangailte ri trioblaid dibhe.

Chaill e an roinn aige - Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar - anns an taghadh air a' mhìos a chaidh.

Bha Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba Iain Swinney a' riochdachadh an SNP agus Riaghaltas na h-Alba aig an t-seirbheis.

Tha dùil gun tèid am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon, a tha a' tilleadh à Ameireagaidh, gu seirbheis chuimhneachaidh aig àm eile.