Urram BEM do Niall MacLeòid

Niall MacLeòid a fhuair duais BEM
Image caption Niall Macleòid BEM

Chaidh Bonn Ìompaireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air Niall MacLeòid à Leòdhas ann an liosta urraman na Bàn-rìgh.

'S ann airson a sheirbhisean do chroitearachd agus don choimhearsnachd a chaidh an t-urram a thoirt dha.

Bha Mghr MacLeòid ron a seo na chathraiche air Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

"Moit"

Bho leig Mghr MacLeòid seachad a dhreuchd mar ìnnleadair thòisich e air obair a' Chlò Mhòr agus chàidh e na chathraiche air Comann nam Breabadairean.

Thuirt e gu robh e gu math moiteal às an urram seo.

"Chan eil fios 'am cò chuir air adhart mi ach tha mi taingeil dhan duine a chuir air adhart mi, gu robh iad a' saoilsinn dhan obair a rinn mi gum b'fhiach cuimhneachadh air."

Thuirt e gu bheil e misneachail mu na tha an-dàn do chroitearachd agus gu bheil "là na croitearachd" dol a thighinn fhathast.

Dha fhèin, thuirt e gum biodh e a' gearradh na th'aige de chaoraich, ged nach leig e seachad na h-obrach sin uile gu leìr.